A chàirdean – tha cuideachadh a dhìth orm.
Tha mi a’ feuchainn ri làithean-saora a chur air dòigh dhan teaghlaich air an ath-bhliadhna. Tha mi ag iarraidh dhol gu àite far a bheil trèanaichean, tramaichean no busaichean-tràilidh inntinneach ann ach tha duilgheadas agam. Chan eil ùidh sam bith aig mo bhean anns an leithid agus cha bhiodh i idir airson a dhol gu àite far am biodh deagh action rèile ann.
Bha ploidh agam. Bha mi a’ coimhead air Dearsaidh oir tha tràighean àlainn ann agus sù Durrell a chòrdadh ri Jenny agus ris an tè bheag, deagh bhiadh agus tòrr eile ann ri dhèanamh. Ach a bharrachd air sin, tha Taigh-tasgaidh Pallot ann aig a bheil Rathad-iarainn beag agus bha mi a’ dol a dhol air turas gu Alderney airson Rathad-iarainn Alderney fhaicinn – rathad-iarainn a th’ air a bhith air an liosta bhucaid agam fad ùine mhòr.
Agus mar anarag cànain, bhithinn airson faighinn a-mach mu Fhrangais Eileanan a’ Chaolais cuideachd.
Bhiodh a h-uile duine air a bhith toilichte (co-dhiù gus am faigheadh Jenny a-mach mu na trèanaichean is mu na cànainean…) Ach nuair a rinn mi rannsachadh air, bha e dìreach fada ro dhaor. Chosgadh seachdain self-catering ann an Dearsaidh cha mhòr £1,500 leis na flights agus chan eil airgead mar sin againn an-dràsta.
Seo na tha a dhìth oirnn:
– feumaidh e a bhith blàth (beachd Jenny)
– feumaidh tòrr rudan a bhith ann airson nighean bheag (beachd Ciorstaidh)
– feumaidh trèanaichean, tramaichean no busaichean-tràilidh inntinneach a bhith ann (beachd agamsa)
– feumaidh e a bhith meadhanach saor agus anns an Roinn Eorpa (am beachd againn uile!)
Ma tha beachd aig duine sam bith air àite a bhiodh freagarrach, nach leig thu fios thugam!
Seo àiteachan a mhol mi ach air nach robh Jenny ro dhèidheil:
Èireann a Tuath, na h-Eilean Scilly (tha fios ’am nach eil trèanaichean ann ach is toil leam a’ Chòrn agus eileanan beaga!), Eilean Mhanainn, Berlin (tha mi air bruidhinn mu cho math sa tha na tramaichean is an U is S-bahn an uiread is gu bheil i bored – ged a tha mi air innse dhi cuideachd cho math sa tha na coctails!)
Alasdair
Dè mu dheidhinn Malta ’s Gozo? ‘S e eileanan beag breagha a th’ annta, le cànan sònraichte inntinneach. Theagamh gu bheil rudeigin son a h-uile duine ann. Bailtean beag, biadh math, taighean-seinns’, eachdraidh ’s cladaichean breagha. Ma tha sibh ‘g iarraidh àite sàmhach, bidh àiteachan mar sin ann, ach ma tha thu ‘g iarraidh rudeigin inntinneach a dhèanamh, bidh meall ann cuideachd. Tha diofar mòr eadar gach taobh Malta fhèi’ agus diofar mòr eadar Malta fhèi’ ’s an eilean beag Gozo. Tha eilean breagha, Comino, eadar na dà eilean far a bheil daoine a’ fanachd cuideachd.
Ged nach eil trèanaichean no tramaichean ann fhathast, bha iad ag ùisneachadh na seann bhusaichean, British Leyland ’s rudan mar sin, gu an t-samhradh sa chaidh. Theagamh gum bi cuid de na busaichean traidiseanta ann fhathast.
Feumaidh mi a ràdh gur ann à Gozo a tha mo leannan ach ’s e àite beag breagha a th’ ann. Alainn.
Crìostòir-Pòl
'S toil'S toil