Rathad-iarainn glèidhte ùr ann an Èirinn a Tuath?

Tha iomairt ann airson rathad-iarainn glèidhte ùr a thogail ann an Contae an Dúin ann an Èirinn.

Is e Belfast & County Down Railway Museum Trust an t-ainm a th’ air a’ bhuidhinn.  Tha iad ag amas air an loidhne eadar Baile na hInse agus Tamhnaigh Naomh a bha uair mar phàirt de Rathad-iarainn Bheal Feirste is Chontae an Dúin ath-fhosgladh – 5.5 mìle uile gu lèir.

Tha iad airson gèidse Bhreatainn (4’8.5”) a chleachdadh an àite gèidse na h-Èireann (5’3”) mar thoradh air gainnead locothan is carbadan rèile Èireannach a ghabhadh a chleachdadh.  

Is e deagh phròiseact a th’ ann ach tha aon rud mu dheidhinn a’ cur dragh orm.  Tha iad a’ moladh gum bu chòir don rathad-iarainn a bhith na chuimhneachadh air saighdearan agus cogaidhean an dà chuid san àm a dh’fhalbh agus san latha an-diugh. Tha coltas gu math poilitigeach air làrach-lìn na buidhne, a tha làn de rudan a tha a’ moladh Arm Bhreatainn agus rudan mar seo:

“We would appeal to you therefore for your support, the support of your friends, work associates, and indeed anyone who is interested in honoring our own soldiers, sailors, and airmen, as well as those of our allies who fought alongside them in the various campaigns over the years.

 As well as appealing to the general public, and to industry, we would also like to include the serving members of our Armed Forces, and would welcome their participation in this tribute to their colleagues.   We would also like to include the Royal British Legion, not only in arranging this tribute, but also in the development of the permanent memorial and museum that will be located at one of our stations.”

Agus dealbhan de shaighdearan Breatannach ann an Afganastan.

Hmm. A bheil sin na chuideachadh ann an Èirinn a Tuath?! Tha e doirbh gu leòr a bhith a’ cur rathad-iarainn ùr air dòigh gun a bhith ga cheangail ri poileataics an Aonaidh ann an dòigh a chumas nàiseantaich air falbh. Ma tha rud sam bith ann a bu chòir a bhith saor bho phoileataigs nam pàrtaidh, ’s e sin rathaidean-iarainn glèidhte.

Ghabh mi ballrachd anns a’ bhuidhinn (oir tha mi airson an rathad-iarainn ath-fhosgladh ged nach eil taobh idir agam ris na poilitigs a th’ aca) ach sgrìobh mi an seic agus an seòladh air an litir sa Ghaeilge. Gu h-iongantach, cha chuala mi rud sam bith air ais fhathast…..

 

Alasdair

 

Stèisean Meadhan Bheal Feirste

Stèisean Meadhan Bheal Feirste

 

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, Rathaidean-iarainn glèidhte agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s