Tha trama air gluasad airson a’ chiad uair air loidhne trama Dhùn Èideann mu dheireadh thall! Bha mo charaid George Broom, a tha ag obair faisg air an depot ùr ann an Gogar a’ dràibheadh seachad 12/12/11 agus chunnaic e trama a’ gluasad ann an gàrradh an t-seada trama.
Seo dealbh a thog e.
Tha bhideo a thog e ri fhaicinn air Youtube cuideachd.
Tha e glè mhath trama fhaicinn an gnìomh mu dheireadh thall! Tha mi dèanamh fiughair ri dhol air fear aca.
Tha an trama a’ coimhead breagha! Tha mi a’ smaointinn gu bheil e ann an dealbh mhath. ‘S toigh leam an lìn dhearg air an corp gheal. ‘S math sin!
'S toil'S toil