2012 – bliadhna nan trèanaichean! #gaidhlig

Bha deagh bhliadhna agam ann an 2011 agus chaidh mi air iomadh rathad-iarainn airson a’ chiad turais.

Air an “rathad-iarainn mòr” chaidh mi gu Inbhir Theòrsa is Inbhir Ùige agus air iomadh loidhne ann an Èirinn a Tuath a bharrachd air tòrr loidhnichean ann an Glaschu nach do dh’fheuch mi riamh roimhe.

Air na rathaidean-iarainn glèidhte, chaidh mi gu Beamish, Royal Deeside, Whitrope (faisg air Hawick) agus Athfort am measg àiteachan eile.

A thaobh thramaichean, bha mi ann am Beamish agus ann an Croydon tramlink.

Agus bha gu leòr spòrs agam air na meanbh-rathaidean-iarainn cuideachd ann an Srath Aibhne, Inbhir Nis, Cill Rìmhinn, Obar Bhrothaig is eile.

Tha mi air smaoineachadh air dè bu chòir dhomh dèanamh ann an 2012.

Seo na tha air an liosta-bucaid agam: 

  • Dèan an lìonra rèile air fad ann an Alba
  • Dèan an lìonra rèile fad ann an Èireann a Tuath
  • Dèan an lìonra rèile air fad ann an Eilean Mhanainn
  • Dèan a h-uile siostam bus tràilidh ann an Sasainn (dìreach 3, uile ann an taighean-tasgaidh)
  • Feuch na loidhnichean trama ùra air fad anns an RA
  • Feuch na loidhnichean trama glèidhte uile anns an RA
  • Tadhal air Rathad-iarainn Alderney ann an Eileanan a’ Chaolais
  • Rathad-iarainnIsle of Wight (a tha air a ruith le seann trèanaichean tube à Lunnainn).Cùl Trà, Uladh

 

Mar a h-uile duine eile, chan eil cus airgid agam am bliadhna is mar sin, cha bhi an uiread de thursan agam ach ‘s e am plana mòr agam an-dràsta gun tèid mi air turas gu meadhan Sasainn gus dà loidhne trama gu math eadar-dhealaichte fhaicinn: Taigh-tasgaidh Nàiseanta nan Tramaichean ann an Crich faisg air Derby agus tramaichean ùra Nottingham.

Is dòcha gun tèid mi dhan Chaisteal Nuadh cuideachd gus feuchainn ri Metro Tyne and Wear air fad a dhèanamh ann an aon latha!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s