Thin Lizzy air loidhne Canal Phàislig

Carson a bhios trèanaichean a’ sgur cho tràth air an oidhche? No carson a tha cuirmean ciùil a’ dol air adhart cho anmoch?  

 Sin a’ cheist a bh’ agam agus mi tilleadh dhachaigh às dèidh gig le Thin Lizzy anns na Barras a-raoir.

 

Thin Lizzy beò sna Barras. Dealbh le Michael Gallacher

 

Chan eil ach aon rud a tha a’ còrdadh rium cho mòr ri trèanaichean agus is e sin ceòl beò. Ach ‘s ann a tha e air leth doirbh faighinn dhachaigh air an trèana às dèidh consairt oir mar as trice, crìochnachaidh iad aig 11f – dìreach mun aon àm sa chrìochnaicheas na trèanaichean agus an subway. Gach oidhche tha aig na mìltean de dhaoine dràibheadh no tacsaidh fhaighinn dhachaidh às dèidh dhaibh còmhlan fhaicinn anns an Acadamaidh, ABC, King Tut’s, an SECC na Barras is eile no fiù’s Hampden is Ibrox (Ath nam Broc?).

Chaill mi an trèana mu dheireadh agus an subway agus bha agam ri tacsaidh fhaighinn dhachaigh. Bha an turas math oir thòisich an dràibhear bruidhinn rium mu dheidhinn litreachas na h-Alba agus mar a thachair e, bha e gu math dèidheil air bàrdachd Gàidhlig ann an eadar-theangachadh agus air obair Chaoimhin MacNèill!

Chan eil sinn ag atharrachadh na ceist ge-tà– carson nach eil cothrom aig daoine còmhdhail phoblach fhaighinn às dèidh consairt?

Chan e dìreach ceist a th’ ann a thaobh goireasachd do luchd-frithealaidh chonsairtean, ach cuideachd a thaobh trafaig is parcadh is eile don phobal air fad. Ma thig 10,000 duine a-mach às an SECC aig an aon àm, bheir sinn buaidh nach beag air an M8.

Mar as trice, fosglaidh na dorsan aig 7 no 7.30, cha bhi an còmhlan taic air gu 8.15 no mar sin, is cha bhi am prìomh chomhlan air gu 9 no 9.15 f. Carson nach urrainn dhaibh tòiseachadh fiù’s leth-uair a thìde nas ràithe? Is dòcha gu bheil mi a’ fàs aosda ach b’fheàrr leam a bhith a’ dol innte aig àm ciallach air oidhche sgoile! (Agus cuimhnich: airson cuid, THA aca ri dhol don sgoil an ath latha.)

 

No ma tha e cho cudromach sin ri na daoine a tha a’ ruith àiteachan consairt an cumail a’ dol gu 11f, bu chòir cìs a bhith orra airson pàigheadh airson còmhdhail phoblach.  

Chan e dìreach na tallachan consairt a bu chòir atharrachadh – bu chòir dhan t-siostam còmhdhail a bhith nas sùbailte cuideachd oir tha deireadh sheachdain ann a h-uile seachdain agus bu chòir fios a bhith aig na h-ùghdarrasan còmhdhail air sin. Bidh daoine a’ dol a-mach airson deoch ann an meadhan Ghlaschu aig deireadh na seachdain agus tha na trèanaichean mu dheireadh a’ falbh 30 no 40 mionaidean mus dùin na taighean-òsta. Dè tha ceàrr air an dealbh sin? 

Ma tha sinn an da-rìribh mun àrainneachd, mu chus trafaig is mu atharrachadh clìomaid, bu chòir seo atharrachadh agus bu chòir do thrèanaichean is Subway Ghlaschu a bhith a’ ruith airson co-dhiù uair eile aig deireadh na seachdain.

Cosgadh e barrachd airgid don Riaghaltas san ŭine ghoirid ach tha mi cinnteach gun sàbhaladh e airgid agus gum biodh e na b’fheàrr don àrainneachd san ùine fhada. 

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s