Cnoc na h-Abaide air ais air mapa na rèile

Tha e coltach gum bi an rathad-iarainn a’ tighinn air ais gu Stèisean Chnoc na h-Abaide (Abbeyhill) ann an Dùn Èideann, a dhùin ann an 1964, ged nach bi e na stèisean a-rithist – fhathast co-dhiù!
 
Tha seo mar phàirt de EGIP (Edinburgh-Glasgow Improvement Project) – am pròiseact gus an rathad-iarainn eadar an dà bhaile a dhealanachadh.
 
Thèid làrach an stèisein a chleachdadh airson àite feitheimh airson trèanaichean a tha air a dhol gu Stèisean Waverley agus a tha a’ feitheimh ris an ath sheirbheis aca.
Chithear bhideo agus barrachd fiosrachaidh air làrach-lìn EGIP.
 
Tha mi cinnteach gun lean an iomairt gus stèisean a thogail ann. Bha mi a’ fuireach ann an Cnoc na h-Abaide fad 9 bliadhna agus bhiodh an stèisean air a bhith gu math feumail dhomh!
 
Seo Cnoc na h-Abaide mar a tha e an-dràsta:
 

Cnoc na h-Abaide mar a tha

 
Seo Cnoc na h-Abaide mar a bhios e::
 

Cnoc na h-Abaide mar a bhios

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s