Bliadhna ùr turas rèile mòr an t-saoghal ùr! Glaschu Mheadhain-Guireag #gaidhlig

Chan eil mòran air fhàgail de lìonra-rèile na h-Alba air nach do shiubhail mi fhathast. Chan eil ach aon loidhne mhòr (Obar Dheadhain – Inbhir Nis) agus rud no dhà ann an Srath Chluaidh air fhàgail.

Air Didòmhnaich 23 Faoilleach, bha an t-sìde ro mhosach fuar airson turais don Ghàidhealtachd agus cha robh airgead gu leòr agam às dèidh na Nollaig co-dhiù.

Mar sin, thagh mi Glaschu-Guireag.

Fhuair mi an 11.20 à stèisean a’ Mheadhain.

Ceòl air m’ i-pod: The Philip Lynott Album (4/10), Thin Lizzy Fighting (9/10), agus Thin Lizzy Nightlife (8/10).

Leabhar: In a Big Country: biography of Stuart Adamson (9/10).

Trèana: clas 380, 380 021.

Chan e a-mhàin gu bheil na 380an ùr, tha tòrr den trac ùr cuideachd, agus trèas loidhne air a dhol sìos bho Cheann-rèile Shields gu Pàislig bho chionn goirid.

Chan eil a’ chiad phàirt den t-slighe uamhasach brèagha oir tha i ri taobh an M8, agus gu tric fon M8 airson beagan mhìltean. Tha e inntinneach ge-tà. Ann am Baile Ghobhainn chithear far an robh an ceann-rèile le meur-loidhne Bhaile Ghobhainn. Tha pàirt de sheann loidhne Bhaile Ghobhainn aig ceann eile na loidhne a-nis mar loidhne-deuchainn aig an Subway os cionn na talmhainn. Nam biodh siostam còmhdhail ciallach ann, rachadh pàirt den loidhne ghoirid seo ath-fhosgladh mar stèisean airson stadium Ibrox (Ath nam Broc?). Bhiodh seo math a thaobh còmhdhail agus chumadh e barrachd luchd-leantainn Rangers far na sràide cuideachd!

Seann mheur-loidihne Bhaile Ghobhainn

Aig Cair Dhòmhnaill, chithear ceann-rèile Chair Dhòmhnaill far a bheil an loidhne gu Deanside Transit faisg air Braehead a’ fàgail na prìomh loidhne. Tha Deanside faisg air bùth Macro agus nuair a bhiodh mo mhàthair a’ dol ann nuair a bha mi òg, bhithinn a’ coimhead tron chicken wire agus a’ feuchainn ri dealbhan a thogail den shunter 08 aca leis a’ chamarha beag 110 agam.

Leis gu bheil an rathad-iarainn a’ dol gu dìreach beagan slatan air falbh bho ionad-seopadaireachd Braehead, bhiodh stèisean rèile (no fiu’s loidhne trama ghoirid) gu math freagarrach. Ach a chionn’s gur e seo Alba far nach eilear a’ cur mòran cuideam air “còmhdhail cheangailte”, bhathar den bheachd gun tigeadh daoine don àite air a bhus, rud nach do thachair gu ìre mhòr sam bith, mar a bhiodh duine sam bith a tha eòlach air còmhdhail an dùil….

Agus nuair a tha mi a’ gearain, is e fìor bhriseadh dùil a th’ ann nach bi Ceangail Rèile Phort-adhair Ghlaschu a’ dol air adhart. Tha sinn gu math feumach air seo agus tha mi an dòchas gun lean an iomairt.

Ach sin gearain gu leòr. Tha tòrr math ri ràdh mun loidhne. Tha tòrr shoidhnichean Gàidhlig air a dhol suas bho chionn goirid agus chì na mìltean de dhaoine a’ Ghàidhlig gach latha mar as còir.

Eadar Glaschu is Pàislig, tha seallaidhean brèagha rim faighinn de dh’ achaidhean is tuathanasan. Ged a tha Pàislig feumach air tòrr obair sgeadachaidh, is tòrr talamh fas ann, tha Schd Rinn Friù gu math brèagha taobh a-muigh a’ bhaile.

 Airson a’ chiad greis a-mach à Pàislig, tha sinn ri taobh a’ phuirt adhart is an M8 a-rithist. Tha bothan ann eadar an rathad-iarainn agus an rathad-mòr agus fad iomadh bliadhna sna 1990an is 2000an, bha “I love you Rosie” sgrìobhte air le peant. Gach turas a thèid mi seachad, bidh mi a’ gabhail iongnadh cò Rosie agus an do dh’obraich cùisean a-mach eadar i fhèin agus am peantair!

 Às dèidh seann fhactaraidh armachd ann am Bishopton agus sweet suburbia  a’ bhaile, chan eil e fada gus am faicear seallaidhean brèagha de linn Chluaidh is Dùn Breatann.

 ‘S ann mun àm sin a thèid sinn tron chiad tunail againn. Tha tòrr thunailean air loidhne Inbhir Chluaidh agus nam measg tha Tunail Rathad Newton eadar Grianag agis Gearastan Mathilda. Mas math mo chuimhne, aig còrr is mìle a dh’fhaite, seo an tunail às fhaide ann an Alba. Bha cunnart ann sna 80an gun duineadh an loidhne às dèidh Grianaig a chionn ‘s gun robh an uiread de dh’obair caraidh a dhìth air an tunail, ach gu fortanach, chaidh a chàradh mar is còir.

Ged a bha tòrr rudan brèagha rim faicinn, cha robh sinn fìor a thaobh Taigh na Coille (Woodhall), baile liath gruamach dorcha de thaighean comhairle agus tha e coltach gu bheil a’ mhòr-chuid de na taighean falamh is gu bhith air an leigeil.

Chaidh mi far na trèana aig Bogston gus dealbh a thogail den t-soidhne Gàidlhig “Fàilte gu Grianag”. Choisich mi an uair sin a-steach gu meadhan a’ bhaile. Air an t-slighe, lorg mi seann rèilichean air an rathad. Saoil càite an robh an rathad-iarainn sinn a’ dol?

Ann an Grianag fhèin, bha mi dìreach ann an àm gu leòr gus an trèana a ghlacadh gu Guireag ach chuala mi an uair sin gun robh dàil air a h-uile trèana à Glaschu mar thoradh air duilgheadasan leis na comharraidhean.

Fhad’s a bha mi a’ feitheimh anns an stèisean, chuala mi nighean ag ràdh ri a caraid “A’m geein ma valentines caird tae the dug this year!”

Choisich mi gu Grianag airson cupa teatha agus airson smaoineachadh air mar a rachainn dhachaigh. Bha mi a’ fàs caran sgìth agus bha an t-seòrsa tromas-inntinn orm ‘s a bhios air duine a dh’olas leth-bhotail fìon agus trì branndaidhean làidir. Agus mar a thachair e, gu h-iongantach, sin dìreach na bha mi air òl an oidhche roimhe fhad’s a bha sinn a’ coimhead air an dà fhilm Harry Potter mu dheireadh!

Gus cuir às don sgìths is earball na misge, cho dhùin mi gun robh cuairt eile a dhìth. Bha mi am beachd nach bhiodh e ro dhoirbh Grianag an Iar a lorg agus faighinn a-mach an robh na trèanaichean a ruith. Cha do lorg mi idir e ge-ta, agus às dèidh uair a thìde de choiseachd bha mi ann an Guireag!

Air an t-slighe lorg mi làrach stèisean gàradh-rèile Greenock Princes Pier a dhùin bho chionn fhada. 

Grianaig, Cidhe a' Phrionnsa

Gu fortanach, bha na trèanaichean a’ ruith a-rithist nuair a ràinig mi Guireag agus fhuair mi an trèana air ais a Ghlaschu. Chaidil mi fad na slighe dhachaigh!

 

Deagh thuras, ach cha mholainn Taigh na Coille airson saor-làithean!

Alasdair 

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Gàidhlig, rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s