An 10.42 gu Barrheid #gaidhlig

Uaireannan nuair a dh’innseas tu do dhaoine gu bheil thu a’ dol a dh’àite air choireigin,  canaidh iad “carson idir a rachadh tu ann – tha e air leth boring agus tha e garbh cuideachd.”

Sin dìreach na thachair nuair a thuirt mi gum bithinn a’ dèanamh air Barrheid air an trèana an-diugh  

Ach ‘s coma leam àiteachan boring agus garbh oir nach do rugadh is thogadh mi ann an Siorrachd Lannraig a Tuath – prìomh sgìre an t-saoghail airson an dà chuid.

Trèana: clas 156: 156 495

I-Pod: The Who – Live at Leeds (9/10)

Tha dà dhòigh ann a dhol gu Barrheid – air trèana gu Barrheid fhèin a bhios a’ stad aig gach stèisean air an t-slighe no air trèana nas luaithe gu Cille Mheàrnaig a bhios a’ dol gu dìreach gu Barrheid mus lean i orra gu Cille Mheàrnaig.

Chuir mi romham an dà chuid a dhèanamh – trèana luath air an t-slighe a-mach agus trèana stad air an t-slighe dhachaigh.

Air an t-slighe a-mach, bha fear a’ suidhe ri mi thaobh a bha cluich ceòl gu h-àrd a-mach às an fhòn-làimhe. Chan eil sin fhèin neo-àbhaisteach ach ‘s ann a bha e a’ cluich Bob Dylan seach ceòl nan Ned!

Thòisich sinn leis an t-slighe eadar Glaschu Mheadhain is Polloskshaws an Iar, slighe air a bheil mi gu math eòlach. Air an t-slighe gu Polloskshaws an Iar, tha deagh shealladh ann de chuibhreannan (allotments) agus an uair sin de Phàirce Pollok.

Tha an ceann-rèile far a bheil na loidhnichean gu Barrhead agus Cille Bhrìghde an Ear a’ dealachadh aig Ceann-rèile Busby eadar Pollokshaws an Iar agus Kennishead.

Aig Nitshill, chithear Stòrlann Taighean-tasgaidh Ghlaschu – àite far a bheil cuid den chruinneachadh còmhdhail aig Taighean-tasgaidh Ghlaschu gan cumail, a’ gabhail a-staigh Trama Coronation agus bus-tràilidh Ghlaschu. Cha robh mi ann fhathast, ach feumaidh mi turas a chur air dòigh latha air choireigin.

Às dèidh Nitshill, chunnaic mi gun robh a h-uile duine ceart mu Bharrheid. Chan eil fhios agam an robh e garbh gus nach robh, ach bha coltas gu math fàs air an àite. Air an t-slighe a-steach, chithear cladh mòr, talamh fàs agus tòrr mòr fhactaraidhean agus taighean-stòrais – uile dùinte agus cuid aca a’ tuiteam as a’ chèile.

Thug mi sùil a-mach às an stèisean agus cha robh càil ri fhaicinn is mar sin, an àite a bhith a’ dol air chuairt timcheall air a’ bhaile, fhuair mi trèana 10.57 air ais a Ghlaschu!

Uile gu lèir, chan e loidhne ro bhrèagha a tha seo – ‘s e an rud a b’ fheàrr mu dheidhinn gun robh e goirid – mu 12 mionaid. Cha robh Gàidhlig sam bith ri fhaicinn air an loidhne nas motha. An ath-thuras thèid mi gu Cille Mhearnaig agus chì mi a bheil sin dad nas fheàrr.

Alasdair

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an busaichean-tràilidh, Gàidhlig, rathaidean-iarainn, tramaichean. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s