Turas rèile mòr an t-saoghail: Glaschu – Barrheid – Cill Mheàrnaig #gaidhlig #gaelic

OK – bha mi caran cruaidh air Barrheid an turas mu dheireadh is mar sin, cho-dhùin mi gum b’ fheuch e dhol tron bhaile a-rithist, an turas seo air an trèana gu Cill Mhèarnaig.

Saoil am bi barrachd Gàidhlig ri faicinn?

Mar as àbhaist, tha an turas agam a’ tòiseachadh ann an Costa ann an Glaschu Mheadhain – ged is e rùn na bliadhna ùire agam a bh’ ann a bhith a’ seachnadh cofaidh corporra…. An àite a bhith a’ cluich ceòl corporra cac mar as àbhaist, an-diugh, tha iad a’ cluich ‘Band of Gypsies’ le Jimi Hendrix. Dè cho cool sa tha sin!

Trèana: DMU clas 156: 156 501

Air m’ I-pod: The Who: Tommy (Live at Leeds) 9.5/10, Jimi Hendrix Band of Gypsies 6/10) – taing do Chosta airson am beachd a thoirt dhomh!

Air an t-slighe a-mach a Barrhead, tha sinn a’ faicinn taobh posh a’ bhaile agus a’ dol a-steach gu geàrradh fada air a’ chuairteachadh le craobhan is achaidhean. Tòrr nas fheàrr!  Tha sinn ann an Siorrachd Rinn Frìu an iar ceart a-nis agus sinn a’ dol air trac singilte ann an gleann ri taobh aibhne le craobhan gu leòr rim faicinn.

Ma tha ùidh agad ann an togail dealbhan, tha tòrr àiteachan ann a bhiodh air leth math airson dhealbhadaireachd rathad-iarainn.

Tha e daonnan a’ cur ionghnadh orm an uiread de bhailtean beaga ann an Alba mu nach cuala mi mu dheidhinn riamh roimhe. An-diugh, tha an trèana a’ dol seachad air Gateside, Shillford is eile.

As dèidh Shillford, tha an loidhne coltach ri rudeigin air loidhne na Gàidhealtachd an iar le beanntan àrda agus loch beag.

Tha làrach ann de seann rathad-iarainn dìreach ro bhocsa-chomarraidhean Lugton, agus tè eile ann dìreach às dèidh làimh.

Tha sinn a-nis ann an Siorrachd Air agus tha sinn follaiseach bhon chruth tìre a tha gu math còmhnard.  Tha stèisean Dunlop agus Stewarton a’ coimhead fìor mhath le càrlann ùr aig Stewarton agus an dà stèisean air an ùr sgeadachadh a rèir coltais. Air an t-slighe a-steach gu Stewarton, chithear an tobhta aig seann chaisteal agus air an t-slighe a-mach a-rithist, tha deagh shealladh ann, àrd os cionn a’ bhaile.

Is e ceann-rèile cudromach a th’ ann an Cille Mheàrnaig le trèanaichean a’ ruith gu Carlisle, an Caisteal Nuadh agus an Truthail (Troon). Is e baile rèile cudromach a th’ ann oir tha Barclay stèidhichte ann agus chithear tòrr mòr obraichean càraidh a’ dol air adhart air carbadan is càraichean rèile ann. Chunnaic mi shunter beag a’ gluasad ann an gàradh-rèile Barclays.

Chan eil soidhnichean Gàidhlig idir air an loidhne seo eadar Glaschu is Kilmarnock. Is bochd sin, gu h-àraid le baile cho mòr cudromach ri Cille Mheàrnaig – feumaidh gun deach na soidhnichean ùrachadh mus do ghabh ScotRail ri poileasaidh dà-chànanach.

Uile gu lèir, is turas rèile mòr an t-saoghal math a tha seo! Tòrr seallaidhean brèagha, measgaichte rim faicinn. Dìreach aon phiòs chomhairle – na tig far na trèana ann am Barrheid!

Cille Mheàrnaig

Alasdair 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Gàidhlig, rathaidean-iarainn. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s