Millean mìle air trèana? #gaidhlig #gaelic

Mar daoine eile air a tha dèidheil air trèanaichean (agus gu dearbh air ceòl meatailt), is fìor thoil leam a bhith a’ dèanamh liostaichean.

Mar eisimpleir, tha mi air “liosta-bucaid” a dhèanamh den a h-uile rathad-iarainn a tha mi ag iarraidh fhaicinn mus bi “leac air mo bheul”.

Tha idea ùr agam – tha mi airson cunntadh cia mheud mìle a nì mi air trèanaichean.

Saoil dè cho fad ‘s a bheireadh e 1,000,000 mìle a dhèanamh?

Eil duine sam bith eile ag iarraidh a bhith ann an co-fharpais gus faicinn cò a nì 1,000,000 an tòiseach?

Mus dèan mi sin, ge-tà, feumaidh mi faighinn a-mach ciamar a dh’obraicheas mi a-mach cò mheud mìle a th’ ann eadar na diofar stèiseanan. Eil beachd aig duine sam bith ciamar a nithear seo?

 

Gu Inbhir Theorsa is air ais ann an aon latha!

 

(Tha mi a’ smaoineachadh gum bi mi a’ dèanamh co-dhìu 15,000 mìle sa bhliadhna – barrachd sa bhios mi sa chàr gun teagamh. Gu ruige seo, ‘s e mu 530 mìle an t-astar a bu mhotha a rinn mi ann an aon latha – An Dùn Breac – Glaschu – Dùn Èideann – Inbhir Nis – Inbhir Ùige/Inbhir Theòrsa – Peairt – Glaschu – An Dùn Breac). 

Alasdair                                                                                                       

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 fhreagairt ri Millean mìle air trèana? #gaidhlig #gaelic

  1. Thuirt Keith:

    Chan eil fhios agam dè cho mionaideach a tha an làrach ach faodaidh tu sùil a thoirt air:
    http://www.travelfootprint.org/journey_emissions

    'S toil

  2. Tapadh leat Keith. Bheir mi sùil air.

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s