Trainspotter chic! #gaidhlig #gaelic

Bidh daoine daonnan ag ràdh rium – “Alasdair, tha thu cho cool is tu cho dèidheil air trèanaichean. Dè nì mi ma tha mi airson trainspotter chic a bhith agam cuideachd!”

Uill, OK, cha do thachair sin fhathast, ach tachraidh e latha buidhe air choireigin agus seo na chanas mi:

Seo na dh’fheumas tu airson a bhith a’ dol air safari rèile ma tha thu ag iarraidh a bhith fasanta. 

  • Baga mòr. Tha bagaichean mòra daonnan aig daoine aig a bheil ùidh ann an trèanaichean airson adbhar air choireigin. Chan eil fhios agam carson, ach ‘s e pàirt cudromach de dhualchas nan rathad-iarainn a th’ ann.
  • Leine-T meatailt no prog. Tha seo riatanach – gu h-àraid ma tha ùidh agad ann an trèanaichean diesel. Airson adhar air choirigin tha ùidh aig tòrr dhaoine san dà chuid trèanaichean agus roc cruaidh. Agus ma tha thu air fìor dhèidheil air trèanaichean diesel, tha e gu math feumail ma dh’atharraicheas tu d’ainm gu Dave no Steve agus ma tha ùidh agad ann an real ale cuideachd.
  • Bòtannan coiseachd. Feumail ma tha thu a’ coiseachd air seann làrach-rèile no a’ coiseachd eadar stèiseanan a tha pìos air falbh bho chèile.
  • Waterproof.
  • I-pod làn meatailt agus prog.
  • Deagh leabhar no iris air eagal’s gun stad an trèana agad aig na comharraidhean taobh a-muigh Obar Dheathain fad 2 uair a thìde.

 

  • “Searrag cruachain” airson cuisean èiginn. Mholainn branndaidh.
  • Camara.
  • Copaidh den fhiosrachadh bhon làrach-lìn “I’m a phographer not a terrorist” air eagal’s gun cuir am poileas dragh ort is tu a’ togail dealbhan. (Cha do thachair e rium fhathast, ach chan urrainn dhut a bhith ro fhaiceallach!) San dol seachad, chuireadh e iongnadh mòr orm nan biodh ùidh sam bith aig Al Quida ann an loidhne Chànal Phàislig co-dhiù…
  • Leabhar notaichean airson sgrìobhadh sìos dè a chì thu. Tha fear agam le dealbh de bhroc air.
  • Tòrr mòr chlàran àma.
  • Tòrr mòr leabhraichean rèile! Seo an kit agam air latha nuair a tha mi gu bhith a’ dol air turas gu math inntinneach.

 

Na fàg an taigh às aonais!

 

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s