Don Ghealaich air an trèana! #gaidhlig #gaelic

Às dèidh dhomh am post mu dheireadh a sgrìobhadh, tha mi air faighinn a-mach gu bheil làrach-lìn ann a nì an dearbh rud a bha mi ag iarraidh!

Aig http://mileage.railmiles.org/, gheibh thu a-mach dè an t-astar a th’ ann eadar stèisean sam bith ann an lìonra Bhreatainn agus air fo-thalamh Lunnainn.

Chan eil e coltach gu bheil Èirinn a Tuath air an stòr-dàta ach tha mi cinnteach gum bi dòighean eile ann air faighinn a-mach. Leig fios ma tha am fios agad.

Cha robh Fo-thalamh Ghlaschu ann nas motha ach chuir mi Tweet gu @GlasgowSubway agus chuir iad am fiosrachadh a bhith a dhìth orm thugam taobh a-staigh deich mìonaidean. Abair deagh sgioba!

Tha astar nan rathaidean-iarainn air a thomhas ann am mìltean agus slabhraidhean. Seagh – slabhraidhean, no chains anns a’ Bheurla. Sin 1/80mh de mhìle. (Bidh na rathaidean-iarainn a’ cleachdadh miles, furlongs, chains agus rods!)

Chan eil mi cho math an dàrna cuid air matamataig no air Excel is mar sin, dh’iarr mi air mo charaid Michael Peters a tha ag obair còmhla rium – Jimi Hendrix na matamataig – mo chuideachadh. Rinn e spreadsheet dhomh a dhèanadh mìltean de slabhraidhean gus am b’ urrainn dhomh na h-astairean uile a chur ri chèile.

Tha Micheal còir a’ fuireach ann an Dùn Dèagh agus ag obair an Dùn Èideann agus bidh e a’ siubhal air an trèana a h-uile latha. Tha e air a bhith ag obair sa Phàrlamaid fad 10 bliadhna a-nis.

Dh’obraich mi a-mach gu bheil e air cha mhòr cairteil a’ millein mìle a dhèanamh air an rathad-iarainn san àm sin. Sin 10,000 mìle nas motha na an t-astar don ghealaich!

Tha mi air còrr is 350 mìle a dhèanamh air an rathad–iarainn air a’ mhìos seo mar-thà ach bi greis ann mus ruig mi a’ ghealach!

Math fhèin!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s