Turas gu Taigh-tasgaidh nan Tramaichean #gaidhlig #gaelic

Tha mi dìreach air turas a chur air dòigh gu Taigh-tasgaidh Nàiseanta nan Tramaichean an ann an Crich (“Craighds”) ann an Schd Derby sa Ghiblean.

 

A bharrachd air Summerlee ann an Coatbridge, seo an t-aon àìte far am faic thu trama Ghlaschu ag obair. Tha loidhne aca de mu mhìle gu leth a dh’fhaid cho math ri seann sràid.

An ath-latha bidh mi a’ dol eadar Derby is Nottingham far am bi cothrom agam tramaichean NET (Nottingham Express Transport) ‘s ann a bhios e math fhèin!

Dà loidhne trama eadar-dhealaichte ann an dà latha!

Seo mar a bhios an turas agam:

Glaschu-Derby, Derby-Whatsandwell (airson Crich), Whatsandwell-Derby,

Derby-Nottingham, Nottingham-Glaschu

 

 

Tha e math a bhith faicinn tramaichean ann an taighean-tasgaidh ach tha e nas fheàrr buileach am faicinn an gnìomh!

 

Agus a bharrachd air sin, bidh mi a’ dol air tramaichean an taigh-tasgaidh (tha loidhne mu 1m aca) agus tramaichean Nottingham! 

Tha mi dìreach an dòchas gum bi Gàidheal Albannach sàbhailte ann an Derby às dèidh na thachair le na Seumasaich!

 

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, tramaichean. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s