HS2 a’ dol air adhart ach a bheil dad a dh’fheum ann? #gaidhlig #gaelic

Tha Riaghaltas Westminster air aontachadh HS2 (High Speed 2) a thogail mu dheireadh thall  – ach a bheil feum air?

Seo an loidhne rèile luath – coltach ris an TGV anns an Fhraing – a bhios a’ dol aig mu 250 mìle san uair.

Tha tòrr argamaidean ann airson rèìle luath, gu h-àraid gum biodh daoine ga cleachdadh an àite a bhith a’ dol air a’ phlèana airson siubhal taobh a-staigh na RA agus mar sin, gum biodh nas lugha de CO2 ann.

Glè mhath ach càite a bheil an Rathad-iarainn seo a’ dol? Lunnainn-Manchester? Lunnainn don Chaisteal Nuadh? Lunnainn gu Glaschu/Dùn Èideann? Chan e ach..Lunnainn gu Birmingham.

Birmingham? Chan eil e ach 2 uair a thìde air falbh à Lunnainn air an trèana àbhaisteach co-dhiù. Le rèile luath, bheir e uair a thìde. Mar sin, tha an Riaghaltas gu bhith a’ cosg £32 mìle millean not gus uair a thìde a shàbhaladh. A bheil iad craicte?

Chan eil mòran coltais ann gun ghearradh HS2 eadar Lunnainn agus Birmingham sgaoileadh CO2 no gun toireadh e daoine a-mach às na plèanaichean nas motha oir chuireadh e iongnadh mòr orm nan robh flight sam bith a’ dol eadar an dà bhaile co-dhiù.

Chan eil mi ag ràdh gu bheil dad ceàrr air rèile luath ann am prionnsabal ach cha bu chòir don phròiseact seo a bhith a’ dol air adhart leis fhèin gun aonta a bhith ann ro làimh gun ruig e co-dhiù Manchester gun teagamh sam bith agus gum fosgail seo goirid às dèidh loidhne Birmingham. Mur a tachair sin, tha a h-uile teansa ann nach tèid an rathad-iarainn seo dad nas fhaide a tuath na Birmingham gu bràth.

Le £32 billean not, b’ urrainnear tòrr rudan na b’ fhèarr a dhèanamh a chuireadh an lorg carboin an lughad. Ann an Alba mar eisimpleir, b’ urrainn dhuinn an rathad-iarainn eadar Peairt is Inbhir Nis agus eadar Inbhir Nis is Obar Dheadhain a dhùblachadh, an rathad-iarainn gu Cill Rìmhinn ath-fhosgladh, an t-slighe Waverley air fad gu Carlisle ath-fhosgladh, ceangal-rèile port adhair Ghlaschu is ceangail-rèile port adhair Dhùn Èideann a thogail, crossrail Ghlaschu agus siostam tramaichean mòra fhosgladh ann an Dùn Èideann agus Glaschu. B’ urrainn dhuinn subway Ghlaschu a leudachadh cuideachd.

Gu dearbha, is dòcha gun gabhadh a h-uile rud a chaidh a dhùnadh le Beeching an Alba ath-fhosgladh! Agus tha fios gun gabhadh tòrr dheth sin a dhèanamh fiù’s nam faigheadh Alba dìreach 10% den airgead!

Agus a thaobh phlèanaichean, tha mi caran Lenineach oir tha mi daonnan a’ smaoineachadh gu bheil an slat nas fheàrr na an currain! Nan cuireadh an riaghaltas cìs mhòr air flights taobh a-staigh na RA, cha bhiodh roghainn aig daoine ach a bhith a’ dol air an trèana.  

Nuair a bhios an t-ar a-mach ann, seo an sluagh gairm a bhios ann “Gabh an trèana no coisich!” (‘S math nach e neach-poilitigs a th’ annam!)

Alasdair

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s