Tapadh leat Sainsburys! Càite an tèid mi? #gaidhlig #gaelic

Tha mi air dà thiocaid fhaighinn bho Sainsbury’s a tha a’ leigeil leum dhol gu àite sam bith ann an Alba is air ais air dìreach £19 ro dheireadh a’ Mhàirt.

Chan eil ach aon cheist ann – càite an tèid mi?

Mar as àbhaist, bu mhath leam a dhol air loidhnichean air nach robh mi riamh roimhe.

Mar sin, cleachdaidh mi a’ chiad tiocaid agam airson a dhol don Aghaidh Mhòr agus air Rathad-iarainn Shrath Spè. Mar sin, Glaschu-an Aghaidh Mhòr, An Aghaidh Mhòr – Broomhill is air ais. 

Airson an dàrna turais, tha mi a’ beachdachadh air Glaschu-Inbhir Nis-Baile Chè agus air ais Baile Chè-Obar Dheadhain-Glaschu. ‘S e Inbhir Nis – Obar Dheathain an aon rathad-iarainn mòr an Alba nach d’ rinn mi riamh roimhe. (Uill, rinn mi Inbhir Narann – Inbhir Nis uair ach bha sin gu math goirid – ged a bha e gu math inntinneach. Choinnich mi ri fear à Israel ann a bha ag innse dhomh mu ath-bheothachadh na h-Eabhra…)

Le turas gu Baile Chè, bhithinn a’ siubhail fad latha ach bu chòir dhomh a bhith ceart gu leòr ma bhios leabhar math agam….

Bu mhath leam a dhol air Rathad-iarainn Baile Chè is Baile nan Dubhach (Dufftown) cuideachd ach gu mì-fhortanach, cha bhi e a’ fosgladh airson na bliadhna gus an Giblean.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, Rathaidean-iarainn glèidhte agus a thagadh , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s