Cille Mhearnaig – an Truthail #gaidhlig #gaelic

Tha Jenny is Ciorstaidh a-mach air splaoid an-diugh is mar sin, chuir mi romham turas trèana eile a ghabhail.

Tha glè bheag den lìonra rèile ann an Srath Chluaidh air fhàgail nach d’ rinn mi – beagan ann an Siorrachd Air agus ann an Siorrachd Lannraig – pàirt de chearcal Hamilton.

Misean an latha an-diugh: a dhol eadar Cille Mheàrnaig agus an t-Sruthail agus dealbhan fhaighinn de shoidhneachan dà-chànanach an t-slighe.

Treàna: EMU Clas 380: 380 006,DMU clas 156: 156 509.

I-pod: Big Audio Dynamite – Live in Glasgow O2 ABC 2011 (Bootleg) (9.5/10 – air leth fhèin math!); BBW (Brezizicki/Butler/Watson i.e Big Country gun Stuart) –In Our name (6/10)

Às dèidh turas air an t-Subway eadar Rathad Shields agus Sràid Bhochannan, fhuair mi cairt SPT Daytripper – “nas urrainn dhut ithe de shiubhail” taobh a-staigh Shrath Chluaidh air trèana, fo-thalamh agus bus fad latha air £10.70. Is e cairt sgoinneil a tha seo oir ‘s urrainn dhut a dhol eadar Àrd Laoigh sa cheann a tuath is Barrhill sa cheann a deas agus Guireag/An Leargaidh,/Àird Rosain 7c air a’ chosta an iar (iar) agus Caisteal Tarrais air an taobh an ear.

Thòisich mi, mar as àbhaist, ann an Costa ann an Glaschu Mheadhain far an robh iad a’ cluich na Foo Fighters. Is beag orm na Foos ach tha iad nas fheàrr na ceòl corporra gun tur den t-seòrsa àbhaisteach.

Air trèana 12.30 gu Inbhir Air an toiseach, tha an t-slighe a’ tòiseachadh le seallaidhean liath cugallach de Phàislig ach às dèidh beagan mhionaidean, tha sinn ann an Siorrachd Àir far a bheil lochan, achaidhean agus monaidhean brèagha ann, a’ gabhail a-steach Teàrmann Nàdair Loch Uinneach an RSPB. Air na lochan, tha tòrr iasgairean a-mach ged a tha e fo ìre an reothaidh an-diugh. Saoil a bheil mo charaid Dàibhidh “an Taghan” Rothach nam measg? Tha e cho fallainn ris a’ bhreac agus tha mi cinnteach nach bi deagh no teas no dad eile a’ cur dragh airsan!

Eadar Gleann Gairneag agus Cill D’Fhinnein, chithear na làraich aig dìofar loidhnichean dùinte agus an loidhne a tha fhathast fosgailte gu Roche Products ann an Dail Fhraoich (Dalry). Tha coltas ann gu bheil i fhathast ga cleachdadh.

Aig Cill D’Fheinnein, tha an loidhne gu deas agus an loidhne don Leargaidh a’ sgaradh.

Aig Bàrr Fhasaidh, tha gàradh rèile ann ach chan eil coltas ann gu bheil e ga chleachdadh tuilleadh. Ri taobh na rèile, tha talamh brèagha ann – còmhnard le dùin-ghainmhich. Gu mì-fhortanach, tha an sgìre air a mhilleadh le cùrsa goilf agus chithear daoine ann “being boring with malice aforethought” (i.e. a’ cluich golf) ged is e latha mosach fuar fliuch a th’ ann. 

Ach, mus b’ urrainn dhomh barrachd gearain a dhèanamh mu mhuinntir a’ ghoilf, thàinig sinn a’ staigh gu Stèisean an Truthail, stèisean bhictorianach a tha ann am fìor dheagh staid le bùth agus seòmar feitheimh.

Às dèidh còig mionaidean ann, thàinig an 13.20 gu Cille Mheàrnaig. ‘S e loidhne ghoirid sgoinneil a tha seo. Tha i a’ dol tro achaidhean is coilltean beithe ri taobh na h-aibhne agus chithear factaraidh pàipeir a tha co-cheangailte ris an rèile dìreach às dèidh Bàrr Fhasaidh.

Air an t-slighe a-steach do Chille Mheàrnaig, tha fìor dheagh shealladh ann de ionad-obrach Brush/Barclay far a bheilear a’ togail agus ag ùrachadh thrèanaichean. Aig seann taigh-gheata an fhactaraidh, chithear an loco smùid “Drake” a tha a-nis air a thaisbeanadh ann an oifis.

Tha baile Chille Mhearnaig fhèin math ach cha robh cus cothrom agam coimhead air a’ bhaile le cho fliuch sa bha e agus dìle bhàite ann.

 

Drake bochd agus e fo ghlas!

 

Air an t-slighe air ais dhachaidh, ghabh mi an 14.55 bho Carlisle gu Glaschu. Abair trèana. Bha e cha mhòr loma làn agus bha cha mhòr a h-uile duine air ag òl gu trom! Ma ghabhas mi an trèana seo a-rithist, feumaidh mi searrag branndaidh a thoirt leam sa bhaga!

Astar dèante an-diugh: Rathad Shields –Sràid Bhocannan, Glaschu Mheadhain-An Truthail – Cille Mhearnaig – Glaschu Mheadhain – An Dùn Breac = 74.5 mìle

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s