Trèanaichean is Tacsaidhean #gaidhlig #gaelic

Tha mi air làraich-lìn sgoinneil a’ lorg – http://www.traintaxi.co.uk – a bhios ag innse dhut a bheil stad tacsaidh no seirbheis tacsaidh faisg air stèisean sam bith air an lìonra rèile.

Tha seo gu math feumail oir ‘s ann tric a thug mi leam an càr a chionn ‘s nach robh mi eòlach air an sgìre far an robh mi a’ dol agus gun fhios agam am biodh dòigh agam faighinn bhon stèisean don cheann ùidhe agam nan rachainn ann air an trèana. Gu tric, tha seo a’ ciallachadh gu bheil thu a’ draibheadh 50 mìle no mar sin dìreach a  chionn ‘s nach eil fhios agad ciamar a nì thu 4 no 5 mìle aig deireadh na slighe.

Tha an làrach seo gu math feumail agus tha mi cinnteach gun cuir mi feum oirre.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s