Turas air Hogwarts Express – Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, York #gaidhlig #gaelic

Chaidh sinn airson deireadh-sheachain romansach ann an York bho chionn ghoirid.

Cha robh mi a’ dol a dhol gu taigh-tasgaidh na rèile idir – air m’ onar – ach chuala mi gun robh trèana-luaiths Hogwarts à Harry Potter gu bhith a’ ruith ann agus às dèidh sin, cha b’ urrainn dhomh ach a dhol ann.

Tha trì loidhnichean goirid aig an taigh-tasgaidh. Tha loidhne gèidse-choitcheann a tha mu ¼ mìle a dh’fhaide, loidhne caol-ghèidse agus meanbh-rèile.

 

Meanbh-rèile, Taigh-tasgaidh na Còmdhail

 

Bha am meanbh rathad-iarainn a’ ruith agus chaidh mi air sin. Chaidh mi an uair sin air a’ Hogwarts Express. Ged nach robh an turas ach goirid, bha e math, gu h-àraid le sneachd na laighe.

Nis, bha an turas mu leth mhìle uile gu lèir. Feumaidh gu bheil an turas gu Hogwarts fhèin pìos nas fhaide. Tha fios againn gu bheil e a’ falbh à Kings Cross agus tha e follaiseach cuideachd bhon fhilm gu bheil Hogwarts faisg air Malaig. Mar sin, tha mi air obrachadh a-mach gu bheil an turas eadar Kings Cross agus Hogwarts (Malaig) 560 mìle.

 

Loco: Hogwarts Castle

Air m’Ipod – Big Country The Crossing (9.5/10)

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an meanbh rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s