Safari Rèile ann an Lodainn an Ear

Tha mi a’ feuchainn ri dhol air a h-uile loidhne rèile, beag no mòr, ann an Alba.

An-diugh, rinn mi fear de na rathaidean-iarrainn beaga: Meanbh-rèile East Links ann an Dùn Bàrr, Lodainn an Ear.

Còmhla rium, bha mo nighean bheag, Ciorstaidh Mairead, a tha gu math dèidheil air trèanaichean agus deònach a dhol air “tursan rèìle mòra an t-saoghail”  – cho fad’s a bhios chips rim faighinn mar phàirt den latha! Còmhla ruinn cuideachd, bha ar deagh chàirdean Wilson agus Manus MacLeòid.

Is e pàirc bheathaichean a th’ ann an East Links le tòrr dhiofar sheòrsaichean beathaich – geòidh, tunnagan, cearcan-frangach, eich, mucan, asalan, caoraich, fèidh is eile. A bharrachd air seo tha lamathan, sruthan (ostriches) is rudan eile nach fhaic thu ann an Alba a h-uile latha.

Tha tòrr àiteachan cluich ann do chloinn – cluich bog, caisteal sreap agus tòrr a bharrachd.

Tha craobhan giuthais àrd breagha timcheall air a’ phàirc air fad agus tha coille bheag ann anns a bheil maze – car coltach ris a’ choille sa bheil an Graffalò a’ fuireach!  Tha loch agus cuibhle-uisge ann cuideachd.

Tha an rathad-iarainn mu mhìle a dh’fhaid ann an cruth cearcaill timcheall na pàirce. Is e seòrsa safari rèile a th’ anns a’ mheanbh-rèile seo oir tha thu dol tro na h-achaidhean far a bheil na beathaichean agus bidh na beathaichean uile a’ leantainn na trèana is iad an dùil gum faigh iad rudeigin ri ithe!

Mairidh an turas rèile mu 10 mionaidean uile gu lèir agus is e deagh loidhne a th’ ann le seallaidhean brèagha de chraobhan, loch agus coille. A bharrachd air an trèana bheag, chithear na trèanaichean mòra air prìomh loidhne a’ costa an iar air an t-slighe gu Sasainn is air ais a Dhùn Èideann.

Mholainn an rathad-iarainn agus a’ phàirce seo gu mòr.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an meanbh rathaidean-iarainn. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s