Inbhir Nis – Obar Dheathain #gaidhlig #gaelic

Tha mi a’ feuchainn ri dhol air gach rathad-iarainn – mòr no beag, nàiseanta no prìobhaideach – ann an Alba.

 

Cha bhi e fada a-nis gus am bi mi air siubhal air a h-uile rathad-iarainn san dùthaich. Aig deireadh a’ Ghearrain (25.02.12), rinn mi fear gu math mòr: Inbhir Nis-Obar Dheathain.

 

Bha latha fada agam. Thòisich mi air an subway air a’ chiad trèana eadar Rathad Shields is Sràid Bhocannan agus an uair sin, cheannaich mi cupa cofaidh agus tòrr mòr bìdh agus ghlac mi a’ chiad trèana eadar Glaschu Sràid na Banrigh (GLQ) agus Inbhir Nis (INV) aig 07:06. Còmhla rium bha m’ uncail, Derek Prentice a tha cuideachd gu math dèidheil air “tursan rèile mòran an t-saoghail”.

 

As dèidh beagan is trì uairean, bha mi ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd agus gu leòr tìde agam beagan dealbhan a thogail de shoidhnichean Gàidhlig airson mapa Ainmean-Àite na h-Alba agus a ruith a-staigh gu Costa airson barrachd cofaidh.

 

Ghlac sinn an trèana an uair sin eadar Inbhir Nis agus Baile Chè (KTH) ann am Moireabh. Cha b’ e seo dìreach a’ chiad turas a bha mi air an loidhne sin ach a’ chiad turas a bha mi ann am Moireabh.

 

Agus abair gur e loidhne bhrèagha a th’ ann! Aig tòiseach na loidhne, tha seallaidhean mìorbhaileach ann de Linne Mhoireibh. Tha an loidhne an uair sin a’ dol seachad air Port Adhair Inbhir Nis. Tha e do-chreidsinneach nach eil stèisean rèile ann, gu h-àraid nuair a tha e cho fada a-mach às a’ bhaile.

 

An uair sin, stad sinn ann an Inbhir Narann, stèisean traidiseanta àlainn le cafè ann. Tha Siorrachd Narann agus Moireabh air leth. Talamh gu math còmhnard torrach le craobhan giuthais agus eich gu leòr ann.

 

Chunnaic mi ceann-rèile agus seann stèisean Abhais eadar Farais agus Eilginn: sin far a bheil an loidhne gu Burghead a’ tòiseachadh. Ged a tha an loidhne sin fhathast ann, cha deach a chleachdadh bho chionn fhada is tha craobhan a’ fàs tron trac. Is bochd sin agus tha mi an dòchas gun tèid ath-bheothachadh latha de na làithean.

 

Às dèidh Eilginn, tha an loidhne a’ dol gu deas a dh’ionnsaigh Baile Chè. Stad sinn anns a’ bhaile airson biadh agus gus Rathad-iarainn Bhaile Chè is Bhaile nan Dubhach (“Loidhne an Uisge-beatha”) fhaicinn. ‘S e baile margaidh sgoinneil a th’ ann am Baile Chè le tòrr bùithtean beaga inntinneach ann cho math ri tòrr eaglaisean brèagha agus taigh-staile eachdraidheil. Ghabh sinn lòn ann an taigh-bìdh The Steading a tha fìor mhath airson biadh ionadail is organach.

 

Tha stèisean Keith Town – stèisean rathad-iarainn Bhaile Chè is Bhaile nan Dubhach – ann an teas meadhan a’ bhaile. Ged nach robh trèanaichean a’ ruith air an latha sin, bha cothrom againn coimhead air an stèisean agus air beagan den rathad-iarainn. Thig sinn air ais latha eile airson turas gu Baile nan Dubhach.

 

Às dèidh dhuinn Baile Chè fhàgail, chum sinn oirnn gu Obar Dheathainn tro Hunndaidh, Innis, Inbhir Uraidh agus Deis (son Port Adhair Obar Dheathain).

 

Airson cuid mhath den turas seo, cha robh an trac ga thàthadh ri chèile is mar sin, bha deagh fhuaim gliocadaich-glagadaich ann mar a bha anns na seann-làithean. Math fhèin!

 

Bhuail e orm dìreach cho sgriosail sa bha gearraidhean Beeching air an ear-thuath nuair a thug mi sùil air a’ mhapa agam de na rathaidean-iarainn mar a bha iad bho chionn ceud bliadhna. Chan eil mòran air fhàgail den lìonra bheothaich a bh’ ann uair. Nàire mhòr air! Le “peak oil”, tha mi an dùil is an dòchas gun tèid beagan den chron a rinn an Dr Olc a chur ceart.

 

Ann an Obar Dheathain fhèin, chunnaic sinn dealbh sa Ghàidhlig san stèisean a rinn sgoilearan anns an sgoil Ghàidhlig le ainmean àite air feadh na h-Alba air. Cha robh mòran tìde againn anns an stèisean ge-tà, oir bha misean agam. Bha mi airson an seann loco smùid “Mr Therm” fhaicinn. B’ àbhaist dha a bhith ag obair ann an ionad-gas a’ bhaile gus na 1960an agus tha e a-nis air a thaisbeanadh ann am Pàirce Seaton far am faod clann cluich air. Fhuair sinn tagsaidh gu Mgr Therm agus às dèidh dhuinn tilleadh don bhaile, bha dìreach tìde gu leòr agam a dhol airson paidh macaronaidh mus do dh’fhàg an trèana againn air ais a Ghlaschu.

 

Mgt Therm

‘S e deagh latha a bha seo agus tha e math gu bheil barrachd soidhnichean Gàidhlig air a dhol suas. Tha soidhnichean ùra air a dhol suas ann an Inbhir Nis agus ann an Mon Rois ach cha deach a’ mhòr-chuid den ear-thuath a dhèanamh fhathast. Feumaidh mi tilleadh a-rithist nuair a bhios an loidhne air fad dà-chànanach!

Chan eil mòran loidhnichean air fhàgail a-nis ann an Alba nach d’ rinn mi! Air an lìonra nàiseanta, chan eil air fhàgail ach Glaschu-Dùn Phris agus Coatbrige Central-Motherwell. Chan eil ach trì loidhnichean prìobhaideach nach d’rinn mi fhathast: Caledonian Railway Brechin, Rathad-iarainn Srath Spè agus Rathad-iarainn Bhaile Chè is Bhaile nan Dubhach.

 

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, Gàidhlig, rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte, Rathaidean-iarainn glèidhte agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s