Tramffordd y Gogarth #gaidhlig #gaelic #cymru

Thòisich mi am blog seo airson aithris air “liosta-bucaid” na rèile agam. Aig mullach na liosta, bha an t-amas agam siubhail air gach rathad-iarainn ann an Alba.

 

Tha an t-amas sin gu bhith deiseil a-nis is gun air fhàgail ri dhèanamh ach an t-slighe ghoirid (ach brèagha?!) eadar Whifflet agus Tobar na Màthar ann an Siorrachd Lannraig na grèine. Mar sin, tha mi air co-dhùnadh gu bheil mi airson gach slighe-trama san RA – seann is ùr – fheuchainn. 

Air an adhbhar seo, cha b’ e ruith ach leam dhomh nuair a ionnsaich mi an latha roimhe gun robh Comann Glèidhteachais Rèile na h-Alba gu bhith a’ ruith turas-rèile gu Chester (no Cair sa Chuimris) agus Llandudno san Ògmhios.

 

Bheir seo cothrom dhomh a dhol air Tramffordd y Gogarth no the Great Orme Tramway. Is e loidhne shònraichte a tha seo oir tha i air beinn chas agus ‘s e slighe-thramaichean càbail a th’ ann seach siostam dealanach. San dòigh seo, tha e car coltach ris na “càraichean-sràide” a chithear ann an San Francisco. Agus mar a tha fios agad, tha taobh tuath na Cuimrigh gu math coltach ri California anns  a h-uile dòigh eile cuideachd.

 

Grian, chips, Cuimris, tramaichean! Dè eile a tha a dhith air duine?

 Ma tha ùidh agad ann an tursan-rèile air loidhnichean inntinneach ann an Alba agus air feadh na RA, thoir sùil air làrach-lìn tursan-rèile an SRPS.

 

 

Trama Leeds 6, Beamish.

 

 

Seo na th’ air an “liosta-bucaid” agam a thaobh tramaichean:

Tramaichean:

 

Deànte: Summerlee Museum, Beamish Museum, Blackpool, Croydon Tramlink.

Ri dhèanamh: Nottingham Express Transit, Midland Metro, South Yorkshire Supertram, Manchester Metrolink, Manx Electric Railway, Snafell Mountain Railway, Great Orme Tramway, National Tramway Museum, Heaton Park Manchester, Birkenhead Tramway, East Anglia Transport Museum, Black Country Living Museum, Seaton Tramway.

 

Dùn Èideann

 

 

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an tramaichean agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s