Air ais ann an Gallaibh na Gàidhlig #gaidhlig #gaelic

Chòrd an turas agam gu Gallaibh an-uiridh rium cho mòr is gu bheil mi a’ dol ann a-rithist aig deireadh na seachdain.

Tha mi gu bhith a’ dol air turas latha gu Inbhir Theòrsa agus air ais ann an aon latha. Sin mu 650 mìle ann an turas a mhaireas bho 7.06m gu 11.39f. Sin turas cha mhòr 18 uair a thìde agus 16 uair a thìde de sin air an trèana! Sin agad hardcore!

Clas 37, 37676 'Loch Rannoch' ann an Inbhir Theòrsa.

Clas 37, 37676 'Loch Rannoch' ann an Inbhir Theòrsa.

Chan eil ach aon cheist agam – dè nì mi fad dà uair a thìde ann an Inbhir Theòrsa? Agus dè as urrainn dhomh dèanamh fhad’s a bhios mi ann gus a’ Ghàidhlig a chur air adhart?

Bha mi airson a dhol gu Inbhir Ùige cuideachd ach nam bithinn air sin a dhèanamh, cha bhithinn ach air uair a thìde fhaighinn anns a’ bhaile mus tòisichinn air an t-slighe gu deas a-rithist!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, Gàidhlig, rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s