Dè an tiotal a th’ agam? #gaidhlig #gaidhlig

Dh’fhaighnich cuideigin dhìom bho chionn goirid an robh tiotal sònraichte ann airson cuideigin a shiubhail air gach rathad-iarainn ann an Alba.

“Chan eil”, arsa mise, “ach abair gur e deagh bheachd a th’ ann!”

Eil beachd aig duine sam bith dè an tiotal no inbhe a bu chòir a bhith air:

–         cuideigin a bha air a h-uile rathad-iarainn ann an Alba

–         cuideigin a bha air a h-uile rathad-iarainn anns a’ Chuimrigh

–         cuideigin a bha air a h-uile rathad-iarainn ann an Èirinn

–         cuideigin a bha air a h-uile rathad-iarainn ann an Sasainn

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Responses to Dè an tiotal a th’ agam? #gaidhlig #gaidhlig

  1. Thuirt Gun urra:

    Chanainn tràiliche mura b’ e gu bheil e ro choltach ri tràill!

    'S toil

Sgrìobh beachd