Bhictoria no Maureen? #gaidhlig #gaelic

Cha robh mi riamh a’ tuigsinn carson a tha cuid cho dèidheil air an teaghlach Rìoghail.

Agus cha robh e riamh a dèanamh ciall dhomh gum biodh daoine ag ainmeachadh toglaichean 7c às dèidh rìghrean is mar sin air adhart. Tha seo gu math cumanta air na rathaidean-iarainn far a bheil an t-ainm Bhictoria gu math pailt. Tha mi gu bhith a’ dol air Tramffordd y Gogarth ann an Llandudno a dh’aithghearr air a bheil stèisean Llandudno Victoria. Ann an Lunnainn, tha Stèisean Victoria agus loidhne Victoria an Underground. Tha Manchester Victoria ann cuideachd, agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil stèisean ann air a bheil Brighton Victoria.

Tha sinn cho cleachdte ri Stèisean Bhictoria is a leithid is gu bheil e furasta diochuimhneachadh gur e dìreach ainm boireannach a th’ ann. Agus feumaidh gun robh coltas neònach air ainm Stèisean Bhictoria nuair a dh’fhosgail e an tòiseach. Bhiodh e a’ coimhead gu math neònach is mì-nàdarra, can, nam biodh Portsmouth Susan no Liverpool Ruth ann mar eisimpleir!

Saoil am bu chòir dhuinn ainm Glaschu Meadhain (Glasgow Central) atharrachadh gu Glaschu Maureen às dèidh mo mhàthar?

Thoir dhomh do mholaidhean airson ainmean stèisean!

Agus nuair a tha mi a-mach air ainmean stèisean, chunnaic mi sa Mhetro an t-seachdain sa chaidh gun d’fhuair Paddington Bear duais bho chionn goirid mar an caractar animated as fheàrr. Saoil dè an t-ainm a bhiodh air nan rachadh a lorg ann an stèisean Albannach seach ann an Lunnainn Paddington. Coatbridge Sunnyside?

Clas 142 ann an Carlisle Barbera.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Sgrìobh beachd