Tha an trèana nas saoire air a’ Ghàidhealtachd! #gaidhlig #gaelic

Chaidh mi gu Inbhir Theòrsa air an trèana aig deireadh na seachdain seachdain le tiocaid a fhuair mi ann an Sainsburys airson a dhol gu àite san bith an Alba agus air ais air dìreach £19.

Sin mu 700 mìle uile gu lèir – mu 3sg airson gach mìle. Abair saor! Nan rachainn ann sa chàr, chosgadh e mu £75 ged nach eil ach càr beag is gu math ùine agam.

Ged a fhuair mi tiocaid shònraichte airson an turais seo, tha e gu tric nas saoire a bhith a’ dol astar fada taobh a-staigh na h-Alba air an trèana seach a bhith a’ dràibheadh ann.  Tha seo fìor gu h-àraid air Loidhne a’ Chaoil, Loidhne na Gàidhealtachd an Iar agus Loidhne a’ Chinn a Tuath.

Malaig - chaidh mi ann air £15

Aig deireadh na bliadhna an-uiridh, mar eisimpleir, chaidh mi bho Ghlaschu don Eilean Sgitheanach taobh Mhalaig agus air ais dhachaigh taobh a’ Chaoil. Chosg gach tiocaid £15. Chuir mi na tiocaidean air dòigh beagan sheachdainean ro làimh ach thug mi sùil air làrach-lìn ScotRail dìreach latha no dhà mus do dh’fhalbh mi agus bha na tiocaidean fhathast a’ cosg £15.

Sin nas saoire na bhith a’ draibheadh ann le dithis inbheach agus dithis cloinne (tha sgeama ‘kids go free’ ann aig ScotRail).

Gu tric, tha e tòrr nas saoire cuideachd a bhith a’ dol eadar Glaschu agus an Caol no eadar Glaschu is Inbhir Theòrsa/Inbhir Ùige na tha e a bhith a’ dol eadar Glaschu is Inbhir Nis – ged a tha an turas agad tòrr nas fhaide agus ged a bhios agad ri dhol tro Inbhir Nis co-dhiù.

Dà latha mus deach mi eadar an Caol is Inbhir Nis, thug mi sùil air prìsean nan tiocaidean. Airson a dhol eadar Inbhir Nis agus Glaschu air an trèana a bha mi gu bhith faighinn, chosgadh e mu £50. Airson a dhol air an aon trèana às dèidh dhomh tighinn bhon Chaol, chosg e dìreach £15 airson an turais air fad.

Tha còmhdhail rèile fada ro dhaor san fharsaingeachd ach tha barganan ann taobh a-staigh na h-Alba, gu h-àraid air a’ Ghàidhealtachd.

Fhuair mi tiocaid tillidh àbhaisteach aig ScotRail eadar Glaschu is Carlisle an latha ròimhe agus cha do chosg e ach £19.

Chan eil leisgeul sam bith gun a bhith a’ dol air loidhnichean mòra na Gàidhealtachd a-nis!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s