An loidhne mhòr mu dheireadh: Glaschu – Dùn Phris – Carlisle #gaidhlig #gaelic

Tha mi a’ feuchainn ri dhol air gach loidhne rèile ann an Alba agus tha mi cha mhòr deiseil a-nis às dèidh turas gu Carlisle taobh Dhùn Phris air 10 Màrt.

‘S e turas fìor mhath a bha seo.

Ann an Cille Mhearnaig, chunnaic mi shunter aig ionad-obrach Andrew Barclay agus fhuair mi dealbh dheth.

Tha mi air a bhith ann Cille Mhearnaig air an trèana dhà no trì tursan ach an turas seo, chaidh mi air an loidhne gu deas air a’ bhaile  airson a’ chiad turais riamh, a’ tòiseachadh air an drochaid rèile àrd os cionn a’ bhaile.

Is e cruth-tìre àbhaisteach Siorrachd Air a chunnaic sinn an tòiseach – còmhnard gun mòran inntinneach ri fhaicinn. (Tha mi duilich muinntir Schd Air!) Ach nuair a ràinig sinn Siorrachd Dhùn Phris, bha beanntan is lochan is craobhan giuthais ann agus dh’fhàs cuisean na b’fheàrr.

Choinnich sinn ri fear às an sgìre a bha mion eòlach air rathaidean-iarainn iar-dheas na h-Alba – Sammy à Achadh nan Leac (Auchinleck) aig a bheil deagh chuimhne air na làithean mus deach gearraidhean Beeching (leac air a bheul!) a chur an sàs. Sheall e dhuinn far an robh tòrr loidhnichean is stèiseanan dùinte agus gu dearbh, bha tòrr dhiubh ann.

B’ e an call a bu mhotha a bh’ ann gun deach Rathad a’ Phuirt no Am Paddy Road eadar an t-Sròn Reamhar agus Dùn Phris a dhùin ann an 1965. 

Agus eadar an t-Seann Chathair is Dùn Phris – 26 mìle uile gu lèir – chan eil stèisean sam bith ged a tha baile no dhà a tha meadhanach mòr ann.

Dìreach taobh a-muigh Dùn Phris, chunnaic sinn an “Garden Of cosmic Speculation” far a bheil shunter beag mar phàirt den ghàrradh sònraichte.

Ann an Dùn Phris, stad sinn airson bracaist ann an cafè an stèisein – greasy spoon na seann sgoile. Fhuair mi rola agus tattie scone le teatha gu math làidir. Math fhèin!

Às dèidh sinn, bha leth uair a thìde againn airson turas a-staigh dhan bhaile. Bha tòrr eaglaisean ann. Chan fhaca mi an uiread de dh’eaglaisean ann an aon àite sam bith nam bheatha san aon bhaile! Agus bha tòrr tat ann co-cheangailte ri Rabby Burns cuideachd.

Ghlac sinn an uair sin an trèana gu Carlisle. Air an t-slighe ann, chunnaic sinn dà rathad-iarainn aig an MOD, Eastriggs faisg air Annan agus Longtown faisg air Greatna. Choinnich sinn cuideachd ri fear à Dùn Phris a bha na chluicheadair tàileisg a bha a’ dol airson co-fharpais eadar-nàiseanta ann am Penrith. Inntinneach.

Ach cha robh e buileach cho inntinneach ri còmhradh fòn a chuala mi air an trèana goirid às dèidh sin. Bha boireannach a’ bruidhinn ri fear air a’ fòn:

“But Brendan – I’ve been working all day, I’ve got high heels on. …. Is it a dungeon?”

Ann an Carlisle, bha dà loco smùid anns an stèisean. Cha robh fios agam idir gum biodh an leithid a’ tachairt.

Deagh latha dha-rìribh!

Air m’ i-pod: The Sweet New York Connection, 2012, 8.5/10.

 Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s