Gàidhlig ann an Inbhir Theòrsa na grèine! #gaidhlig #gaelic #gallaibh

‘S e turas sgoinneil ach turas gu math fada a bh’ ann – Glaschu gu Gallaibh agus air ais ann an aon latha!

A’ tòiseachadh ann an Glaschu aig 07:06 air 24 Màrt 2012, chaidh mi gu Inbhir Nis gus an 10:38 gu Inbhir Theòrsa/Inbhir Ùige a ghlacadh.

Ceann-rèile Georgemas, Gallaibh

 Trèana: clas 158: 158 712.

Ged nach eil e cho ainmeil ri Loidhne na Gàidhealtachd an Iar fhathast, tha Loidhne a’ Chinn a Tuath a cheart cho breàgha, a’ sealltainn dhut na seallaidhean às fheàrr ann an Gallaibh is Cataibh.

Bha daoine gu leòr air an trèana gu tuath – tha e math gu bheil daoine a’ cleachdadh na loidhne.

Tha tòrr rudan inntinneach a thaobh an rathaid-iarainn fhèin air an t-slighe seo: an t-àrd-ùrlar as giorra ann an Alba (A’ Mhanachainn), an ceann-rèile as fhaide a tuath ann an Alba (Ceann-rèile Georgemas) agus an stèisean as fhaide a tuath ann an Alba (Inbhir Theòrsa). Aig ceann-rèile Georgemas cuideachd, tha obair air tòiseachadh air ionad-bathair ùr airson stuthan niùclasach a ghiùlain air an rathad-iarainn.

Inbhir Theòrsa

 Agus abair nàdar: ròin gu leòr faisg air Bun Ilidh agus na ficheadan de dh’fhèidh ann an Gallaibh is Cataibh. Agus eunlaith cuideachd: gille-brìghde, clamhainn, sgarbh is eile. Dh’fhaodte gu bheil mi ceàrr ach tha mi a’ smaoineachadh gum faca mi feannag albino cuideachd.

Bha Gàidhlig gu leòr ri faicinn. Tha soidhnichean dà-chànanach ann aig mun dàrna leth de na stèisean – soidhnichean a chaidh suas anns na 1990an. Bidh soidhnichean dà-chànanach a’ dol suas air an loidhne air fad ann an ùine nach bi ro fhada mar phàirt den phoileasaidh dà-chànanach aig ScotRail.

 Agus, a dh’aindeoin na chanas cuid ann an Gallaibh, tha Gàidhlig gu leòr anns an sgìre cuideachd. A’ chiad stèisean ann an Gallaibh? Altnabreck (=Allt nam Breac!)! Agus a’ coimhead air a’ mhapa agam, bha e cho follaiseach sa ghabhas gu robh an t-àite loma làn de dh’ainmean-àite Ghàidhlig ged nach robh agam ach mapa-rathaid air nach robh cus fiosrachaidh. An ath latha chaidh mi gu bùth leabhraichean agus thug mi deagh shùil air mapaichean OS na sgìre. Chan e a-mhàin gun robh tòrr mòr ainmean Gàidhlig ann ach bha tòrr aca sgrìobhte anns a’ Ghàidhlig fhèin gun bhuaidh sam bith aig a’ Bheurla air fuaimneachadh no coltas an ainm.

Mar sin, bha mi air mo dhòigh ghlan nuair a nochd pìos air làrach-lìn a’ BhBC mun Ghàidhlig ann an Gallaibh goirid as dèidh làimh leis an neach-naidheachd gaisgeil Dòmhnall Moireasdan. Bu chòir do gach duine aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig a bhith air an casan, ag èigheachd mu dheidhinn seo.

Tha mi sgìth de Ghallaibh a bhith air a chleachdadh mar each trojanach an aghaidh na Gàidhlig air a’ Ghàidhealtachd. Ma tha daoine an aghaidh leasachadh / faicsinneachd na Gàidhlig, bu chòir dhaibh sin aideachadh gu h-onarach seach a bhith a’ cumail a-mach gur Lochlannaich iad no a bhith ag ath-sgrìobhadh eachdraidh. ‘S e aon rud a th’ ann a bhith an aghaidh leasachadh na Gàidhlig ann an Gallaibh no ann an àite sam bith eile – is e beachd iomchaidh a tha seo ged nach eil mi fhèin ag aontachadh ris idir – ach ‘s e rud gu tùr eadar-dhealaichte a th’ ann bhith a’ stèidheachadh sin air ‘eachdraidh’ chugallach cheàrr. Agus ma tha fìor Lochlannaich ann an Alba, ‘s iad muinntir Leòdhais, a tha nan Gàidheal cuideachd!

An teachdaireachd do Ghallaibh: tha Gàidhlig aig cuid – fàs cleachdte ris!

 Ràinig mi Sràid na Banrighinn aig 23:39 às dèidh 650 mìle de spòrs! Tha mi a-nis air còrr is 4,000 mìle a dhèanamh air an rathad-iarainn am-bliadhna. Cò am broc!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, Gàidhlig, rathaidean-iarainn. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s