Dh’aithris mi an seo an-uiridh mu sheòrsa trèana air leth sònraichte ann an Èirinn a Tuath – na Thumpers (aonadan clas 80 no “Na Glinn”).
Chaidh iad uile à seirbheis an-uiridh agus bha cunnart ann gun rachadh iad uile a bhriseadh.

Thumper Clas 80 aig Rathad York, Beal Feirste.
Gu fortanach, tha iomairt a-nis air tòiseachadh gus fear a ghlèidheadh aig Rathad-iarainn Dún Pádraig anns an Dún.
Tha iad a’ moladh gun toir sinn uile £80 dhaibh gus an clas 80 a shàbhaladh. Chan eil fhios agam am bi £80 agam ach bheir mi rudeigin dhaibh gun teagamh gus an cluinnear fuaim binn nan thumper an Èirinn a-rithist.
Carson a tha an t-ainm “Thumpers” orra? Thoir sùil air a bhideo seo agus chì thu!
Alasdair