Barrachd thramaichean ann am Blackpool? #gaidhlig #gaelic

Tha a h-uile duine dèidheil air Tramaichean Blackpool.

Eadar 1962 nuair a dhùin an siostam thramaichean mòr mu dheireadh san RA (Glaschu) agus 1992 nuair a dh’fhosgail a’ chiad siostam ùr (Manchester), cha robh ach aon siostam thramaichean ann – Blackpool.

Tha an siostam 11 mìle seo a dh’fhaid a’ ruith ri taobh a’ chosta – tòrr air promenade a’ bhaile agus bha e ainmeil airson nan seann tramaichean bho na 1930an a tha fhathast a ruith.

Dh’atharraich cùisean gu mòr ann amBlackpoolam-bliadhna.  Tha iad air cabhlach ùr de thramaichean ùra a cheannach a tha fada nas luaithe agus tha iad cuideachd air cuid de na seann ghaisgich ath-sgeadachadh gus am bi iad a rèir Achd air Ciorramaich is Leth-Bhreith (DDA).

Le seo, tha a’ Chomhairle an dùil gum bi an siostam an dà chuid tarraingeach do luchd-turais fhathast agus nas fheàrr do mhuinntir an àite mar ghoireas chòmhdhail.

A bharrachd air seo, tha naidheachd air tighinn am bàrr gu bheilear a’ beachdachadh air an slighe-trama a leudachadh gu stèiseanBlackpoola Tuath agus gu Port-adhair Eadar-nàiseanta (!)Blackpool.

Hopes for Blackpool trams’ town centre return  

Gur math a thèid leotha!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an tramaichean agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s