Rathad-iarainn Aotrom Maidens ┐Dùn Iubhair #gaidhlig #gaelic

Chaidh sinn a-mach air splaoid gu Siorrachd Àir Dihaoine na Ceasta. 

B’ e seo a’ chiad turas againn gu Pàirc Tuathanais Heads of Air ann an Siorrachd Air. Bha deagh latha againn, a’ leum air trampoline agus a’ coimhead air fèidh Lochlannach is càmhail is meanbh-asalan is eile. Bha deagh latha againn.

Dè an ceangal ri rathaidean-iarainn?

Tha a’ phàirc ri taobh làrach na seann loidhne eadar Inbhir Àir agus Inbhir Gharbhain – Rathad-iarainn Maidens  ┐Dùn Iubhair. Bha stèiseanan ann aig Alloway, Heads of Ayr, Dunure (Dùn Iubhair?), Knoweside,Glenside, Maidens, Turnberry agus bha an ceann-loidhne leis a’ mhòr-loidhne aig Inbhir Gharbhain.

Cha robh seirbheisean do luchd-siubhail riamh uamhasach soirbheachail air an loidhne agus sguir iad gu math tràth ach bha seirbheisean bathair ann air an loidhne air fad gu na 1950an agus bha an earrann den rathad-iarainn eadar Inbhir Air is Butlins aig Heads of Air fosgailte gu 1968.

Ged nach eil an rathad-iarainn ann fhathast, tha làrach na loidhne ri faicinn fhathast agus tha i a’ dol an dà chuid tron phàirc thuathanais agus tron champa saor-làithean ri a thaobh far an robh Butlins uair.

Thoir an aire - fast air an loidhne!

Ged nach eil e coltach gum fosgail an rathad-iarainn seo air fad a-rithist, bhiodh e math nam biodh e fosgailte gu Alloway is Heads of Ayr – dà àite uamhasach cudromach do luchd-turais. Agus fiù’s mur a fosgail an loidhne mhòr a-rithist, bhiodh e math meanbh-rathad-iarainn fhaicinn air làrach na seann-loidhne – is dòcha eadar pàirc Craig Tara (Butlins/Wonder West World Ayr mar a bha).

 

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s