Zeppelin os cionn Siorrachd Lannraig! #gaelic #airships #zeppelins

Bha ùidh riamh agam ann an longan-adhair agus tha mi air dà leabhar a leughadh mun deidhinn bho cionn goirid.

Mura h-eil mi air mo mhealladh, ghabh mi ùidh annta an tòiseach nuair a bha mi nam bhalach bheag nuair a chunnaic mi tè le mo shùilean fhèin. Mas math mo chuimhne, thàinig long-adhair gu Stepps, am baile às a bheil mi, nuair a bha mi anns a’ bhun-sgoil. Chaidh an clas againn uile a-mach às an sgoil gus sùil a thoirt oirre. Bhiodh seo eadar is dòcha 1979 is 1982.

 

 

A bheil fhios aig duine sam bith an robh an leithid ann an Glaschu aig an àm sin?

Tha mi air faighinn a-mach gu bheil Taigh-tasgaidh nan Zeppelin ann am Friedrichshafen sa Ghearmailt far am faod thu a dhol air turas luing-adhair. Feumaidh mi a dhol ann  latha de na làithean. 

Tha tursan zeppelin rim faighinn ann an San Fransisco cuideachd – àite far a bheil tramaichean gu leòr ann a bharrachd.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s