Turas gu Taigh-tasgaidh nan Tramaichean (1) #gaidhlig #gaelic

Tha an splaoid agam gu Taigh-tasgaidh nan Tramaichean air tòiseachadh mu dheireadh thall.

Ghlac mi an trèana airson Derby san “Loch a Tuath” (Dùn Èideann Waverley) aig 15.08 airson 305 mìltean agus 3.5 uair a thìde de spòrs trèanach.

A chionn ‘s gun robh mi ann an Sasainn, feumar aideachadh nach robh mòran ann ri fhaicinn a-mach as an uinneig a chionn’ s gun robh an tìr dìreach cho rèidh, còmhnard is gun mòran chraobhan. Agus abair gun robh e cho fliuch ris a’ chù. Bha tuiltean air feadh an àite ann an Northumbria agus Schd York agus bha dìle bhàite ann. 

Bha tòrr stuth math ri fhaicinn co-cheangailte ris na rathaidean-iarainn, ge-ta.

Chunnaic mi seann shunter ann an gàradh mu 5 mionaidean a deas air Berwick – aig an seann stèisean a bha a’ frithealadh Lindisfarne, tha mi a’ smaoineachadh. Tha e coltach gur e seann stèisean a bh’ ann. Agus goirid as dèidh sin, beagan a tuath air Alnmouth, chunnaic sinn shunter diesel agus tòrr seann choidsichean. Tha mi a’ smaoineachadh gur dòcha gur ann leis a’ phròiseact gus Rathad-iarainn Alnwick ath-fosgladh a bha iad.

Anns a’ Chaisteal Nuadh, chunnaic mi trèanaichean Metro agus chaidh trama seachad oirnn ann an Sheffield. Chunnaic mi trèana smùid faisg air Darlington cuideachd agus an Stockton and Darlington Railway, an rathad-iarainn ceart as sine ann an Sasainn.

Shuidh boireannach òg ri ar taobh ann an Leeds: http://alicecolfox.blogspot.co.uk/. ‘S e oileanach ealain a th’ innte agus tharraing i dealbh sgoinneil dhìom. Tha mo choltas air, tha mi a’ smaoineachadh. Sheall i dealbh eile dhomh a rinn i de fhear a bha gu math coltach ri Karl Marx. Dh’innse mi sin dhi agus thuirt i “cò Karl Marx?” Agus thug i dhomh dealbh de bhrog cuideachd. Annasach fhèin ach sgoinneil! Agus dh’innse mi cò bh’ ann an Karl Marx cuideachd.

Mise!

Cha b’ fhada gus an d’ràinig sinn Derby. Abair baile! Tha an stèisean uamhasach fhèin spaideil is ùr is glan gleansach. Agus tha na tacsaidhean uile sa bhaile buidhe. Dè cho cool sa tha sin!

‘S e an aon ghearain a th’ agam gu ruige seo gu bheil an taigh-òsta agam loma làn de dhaoine à Glaschu a tha bruidhinn gu h-àrd mu dheidhinn ball coise.

Tha mi a’ dèanamh fiughair ris an turas agam gu Taigh-tasgaidh nan Tramaichean a-màireach.

Agus seo Marx air eagal's nach eil fhios aig duine sam bith eile cò a bh' ann!

Alasdair

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an tramaichean agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s