Turas gu Taigh-tasgaidh nan Tramaichean (2) #gaidhlig #gaelic #crich

Thoisich an latha mòr gu math – turas gu Taigh-tasgaidh Nàiseanta nan Tramaichean mu dheireadh thall. Fhuair mi deagh bhracaist ann an café ann am meadhan a’ bhaile bho fhear air an robh coltas Glenn Matlock aig na Sex Pistols. Mar thoradh air seo, bha mi a’ seinn “Ghosts of Princes in Towers” (le Glenn Matlock is na Rich Kids) dhomh fhèin fad an latha.

Glenn Matlock

Às dèidh caffeine agus “power pop” gu leòr, rinn mi air stèisean Derby Midland agus ghlac mi an trèana gu Whatstandwell (air fhuaimneachd mar “what stand well”). Tha an stèisean seo anns a’ Pheak District agus is e stèisean dùthchail cho brèagha grinn a th’ ann is gu bheil e a’ cur beagan iongnadh orm nach deach a dhùnadh leis an Dr Olc Beeching (Leac Air A Bheul!). Tha grunn shlighean coiseachd faisg air an stèisean, fear dhiubh ri taobh a’ chanàil. B’ e seo mo chiad turas gu sgìrenamPeakagus abair gu bheil seallaidhean math rim faicinn.Nambeachd, tha e gu math coltach ri Sgìre nanLoch.

Nis, a rèir na leugh mi ro làimh, chan eil Taigh-tasgaidh nan Tramaichean mìle air falbh bhon stèisean. Is dòcha gu bheil seo fìor ach abair gur e mìle a th’ ann – fìor “mhìle dhùthchail” mar a chanas iad sa chànain eile. Tha e cha mhòr vertical. Mar sin, cha d’ fhuair mi dìreach seallaidhean àlainn ach deagh eacarsaich cuideachd agus ‘s e deagh leisgeul a bh’ ann srùbag a ghabhail. 

Tha gu leòr ri dhèanamh anns an taigh-tasgaidh. Tha na tramaichean a’ ruith agus tha bùth is taisbeanadh ann is faodaidh tu cuideachd a’ dol a-staigh don t-seada is don ionad-obrach airson faicinn na tha dol. Airson na cloinne, tha cluich-bog agus dreallagan 7c agus tha slighean-nàdair ann ri taobh na loidhne.

Tha an slighe-trama mu mhìle a dh’fhaide uile gu lèir. Bha trì tramaichean a’ ruith an-diugh: Lunnainn 1622,Blackpool40 agus Glaschu 812.

Tha an taigh-tasgaidh rudeigin surreal. An àite a bhith a’ ruith ann am baile mòr mar bu dual dhaibh, tha na tramaichean àrd anns na beanntan (1000 troigh os cionn ìre na mara) air trac gu math cas air taobh beinne le cuairidh mhòr ri an taobh.

A bharrachd air eachdraidh nan tramaichean, tha eachdraidh-sòisealta ann mu na seòrsa daoine a bhiodh a’ cleachdadh nan tramaichean. Tha tòrr ann mu bhochdainn is droch shlàinte is galaran is droch thaigheadas. Airson cha mhòr gach rud, tha iad a’ cleachdadh an aon bhaile airson sealltainn cho dona a bha cùisean. Dè am baile a bh’ ann?Manchester? Lunnainn?Birmingham? Chan e, ach Glaschu. Mo chreach!

Aig deireadh an latha, cha tug a’ chuairt air ais don stèisean ach 15 mionaidean ged a thug e 40 mionaidean air an t-slighe ann! 

Air m’ iPod: Dead Men Walking (le Glenn Matlock air beus) “Live in Darwin Theatre”. 7.5 / 10.

Alasdair

 

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an tramaichean agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s