A Decond class return to Dottingham please! #gaidhlig #gaelic #nottingham

Dh’èirich mi tràth Disathairne agus rinn mi air Nottingham, dachaidh NET – Nottingham Express Transit.

Dh’fhosgail an siostam tramaichean seo ann an 2004 agus tha air a bhith soirbheachail chun na h-ìre is gu bheil obair air tòiseachadh gus a leudachadh mar-thà.

Tha an siostam a’ ruith bho stèisean-rèile Nottingham aig a’ cheann a deas gu dà stèisean trama sa cheann a thuath: Hucknall agus Phoenix Park.

Cha do chosg e ach £3.50 airson tiocaid fad latha agus rin mi deagh fheum dhi. Chaidh mi gu Hucknall an tòiseach agus an uair sin stad mi aig an snaidhm-trama ann an David Lane (a thug orm smaoineachadh mu Arnold Lane le Pink Floyd). Chaidh mi an uair sin gu Phoenix Park.

Eadar Hucknall agus Wilkinson Street (far a bheil depot nan tramaichean), tha an slighe-trama air seann làraich-rèile a tha a’ fàgail gu bheil an loidhne rèidh agus gu math luath. Tha an loidhne an uair sin a’ dol tro sràidean a’ bhaile, gu tric còmhla ri trafaig eile. Tha seo a’ dèanamh chùisean nas slaodaiche ach tha e math tramaichean fhaicinn air na sràidean a-rithist mar as còir!

Agus abair gu bheil cuid de na rathaidean gu math cas – cha mhòr coltach ri San Fransisco – agus cuid eile gu math lùbach.

Tha na tramaichean an uair sin a’ ruith tro theas mheadhan a’ bhaile ann an Old Market Square. An-diugh, bha buidheann de dh’oileanaich à Malaidhsea sa chearnaig agus iad a’ dèanamh iomairt airson siostam bhòtaidh deamocratach.

Tha Costa ann an Cearnag a’ Mhargaidh math ma tha thu airson srubag a ghabhail agus deagh shealladh fhaighinn air na tramaichean aig an aon àm.

Tha deireadh na loidhne ann an Station Street air drochaid àrd concrait os cionn a’ bhaile – car coltach ris an tè a bha gu bhith ann airson Ceangal-rèile Port Adhair Ghlaschu.

Tha a’ mheur-loidhne gu Phoenix Park gu math eadar-dhealaichte oir tha e air làraich an t-seann rathaid-iarainn gu Cinderhall Colliery, slighe shingilte a tha gu math lùbach is cas uaireannan.  

Tha trì stèiseanan-rèile (Nottingham, Bulwell agus Hucknall) ceangailte ris an t-siostam cho math ri 5 park & rides agus trì seirbheisean bus.

‘S e siostam sgoinneil a tha seo – saor, luath agus ceangailte. Bhiodh e math a leithid fhaicinn an Alba.

Air m’ iPod: Pink Floyd “Piper at the Gates of Dawn” (5/10).

Alasdair

p.s. – mur eil thu a’ tuigsinn tiotail a’ phuist seo, feumaidh nach eil cuimhne agad air na 1980an. Faic seo:

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an tramaichean agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s