Turas gu Chatelherault #gaidhlig #gaelic

Chaidh sinn air turas gu Pàirc Dhùthchail Chatelherault (‘seat-la-robh’) faisg air Hamilton ann an Siorrachd Lannraig an-dè.

‘S e deagh phàirc a tha seo le slighean-coiseachd fada sna coilltean agus deagh phàirc chluich don chloinn.

Tha gu leòr ann airson daoine aig a bheil ùidh ann an rathaidean-iarainn cuideachd. Tha e gu math faisg air stèisean Chatelherault air an loidhne gu Taigh na h-Uiseige. ‘S e stèisean gu math ùr a tha seo oir cha deach an loidhne seo, a dhùin ann an 1965, ath-fhosgladh gu 2005. Bidh còrr math is 300,000 a’ cleachdadh na loidhne gach bliadhna a-nis.

Stèisean Chatelherault, 13/04/2007

A bharrachd air seo tha fear na slighean-coiseachd anns a’ phàirc air làrach seann rathad-iarainn mèinnireich.

Deagh latha a-muigh airson duine sam bith a tha dèidheil air trèanaichean agus anns a’ bhlàr-a-muigh.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn dùinte agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s