Na bi spìocach le do chuid dealbhan! #gaidhlig #gaelic

Bidh mi a’ coinneachadh ri tòrr dhaoine a bhios a’ togail dhealbhan de rathaidean-iarainn. Bidh iad gu tric a’ siubhal astar fada agus a’ feitheimh ann an achaidhean fliuch fad uairean a thìde gus an tig an trèana a tha iad ag iarraidh fhaicinn.

Scottish Industrial Railway Centre, Schd Air

Ach ma dh’fhaignichas tu na bhios iad a’ dèanamh leis na dealbhan aig a cheann thall, canaidh a’ mhòr-chuid “‘S ann dìreach dhomh fhèin a tha iad agus cha bhi mi gan cur suas air an eadar-lìon no sìon mar sin”.

Tha sin doirbh a chreidsinn dhomh. Tha mi air mo bheò-ghlacadh le Flickr agus cuiridh mi a h-uile dealbh rèile agam suas.Carsonidir a bhiodh daoine a’ togail deagh dhealbhan a chòrdadh ri daoine eile gun a bhith gan sealltainn do dhaoine eile?

Tha seo fìor gu h-àraid ma chì daoine rudan neo-àbhaisteach agus rudan far a bheil e doirbh dealbhan a lorg.

Tha ballrachd ann am Flickr saor ach tha e nas fheàrr cunntas Pro fhaighinn a leigeas leat barrachd dealbhan a chur suas agus barrachd albaman a bhith agad.

Ma tha dealbhan rèile agad – no dealbh sam bith eile –nach cuir thu air flickr iad! Na bi spìocach – co-roinn do chuid obrach.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s