Meanbh-rèile Pàirce Barshaw – mu dheireadh thall! #gaidhlig #paislig

Fhuair mi cothrom a dhol air meanbh rathad-iarainn Pàirce Barshaw ann am Pàislig mu dheireadh thall.

Bha mi sa phàirce an tòiseach bho chionn 4 bliadhna agus chunnaic mi an trac ach cha robh na trèanaichean a’ ruith air an latha sin agus cha robh fiosrachadh sam bith ann an dàrna cuid anns a’ phàirc no eadar-lìon mu na làithean ruith aige.

Chuala mi fathann Disathairne gun robh trèanaichean a’ ruith agus cha b’ e ruith ach leam dhomh a dhol ann.

 

Meanbh-rèile Pàirce Barshaw, Pàislig

Bha iad a’ ruith ceart gu leòr agus fhuair mi cothrom a dhol air an trèana agus beagan dealbhan a thogail.

‘S e meanbh-rèile gu math inntinneach a tha seo, tha e ann an cruth ugh-chruth air trac a tha far na talmhainn air taicean concraid. Tha e ann am meadhan Pàirce Barshaw (feumaidh gur e ainm Gàidhlig a th’ ann am Barshaw) faisg air lochan ann an suidheachadh gu math àlainn.

A rèir coltais, tha an rathad-iarainn fosgailte gach Disathairne as t-Samhradh.

Stèisean Meadhan Barshaw

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Gàidhlig, meanbh rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s