Alba deiseil! #gaidhlig #gaelic #reile

‘S e iomairt gu math fada a bh’ ann ach tha i gu bhith deiseil mu dheireadh thall – a bhith a’ siubhail air a h-uile rathad-iarainn ann an lìonra-rèile na h-Alba.

Tha mi air a dhol bho Inbhir Theòrsa/Inbhir Ùige gu Carlisle agus bho Mhalaig gu Obar Dheadhain agus dhan a h-uile àite eatarra cuideachd.

Chunnaic mi cuid de na seallaidhean as brèagha ann an Alba – mòinteach Raineach, beanntan Loch Abar is eile, cho math ri cuid nach robh buileach cho àlainn – Shotts, Bellshill 7c ach chòrd an turas air fead rium agus an-diugh, tha an t-slighe fhada agam gu bhith deiseil.

Tha mi a’ dèanamh an turais mu dheireadh air lìonra ScotRail nach d’rinn mi riamh roimhe – Tobar na Màthar gu Whifflet. Chan eil ann ach 2.5 mìle – beag ach brèagha? 

Gus an latha a dhèanamh nas inntinniche, cuir mi romham spaoid a bhith agam air an Noddy (loidhne Chomar nan Allt) agus Meur-loidhne Allt an Fhuarain air an t-slighe dhachaidh gus dealbhan a thogail de na soidhnichean dà-chànanach ùra.

Cò ris a bha an turas coltach? Goirid ach math! Tha loidhne Tobar na Màthar gu Comar nan Allt a’ dol tro dhà ghàrradh rèile far a bheil tòrr locothan inntinneach rim faicinn. Aig taobh deas na loidhne, tha tòrr talamh fàs ann far am b’ àbhaist factaraidhean a bhith ann (taing Thatcher!). Rud beag nas fhaide a tuath, tha achaidhean àlainn ann.

Allt an Fhuarain

EMU Clas 318, Allt an Fhuarain

Sin agad e, ma-thà, tha lìonra ScotRail deiseil.

Dè a-nis?

Tha rathad-iarainn no dhà eile air fhàgail an Alba nach eil nam pàirt den lìonra nàiseanta nach d’rinn mi fhathast – Rathad-iarainn Shrath Spè, Rathad-iarainn Bhreichin agus Rathad-iarainn Bhaile Chè is Bhaile nan Dubhach. Tha meanbh-rèile no dhà ann cuideachd: Pàirce Vogrie ann am Meadhain Lodainn agus Pàirce Agnew san t-Sròn Reamhair.

Clas 158, Comar nan Allt

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Gàidhlig, rathaidean-iarainn. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

4 freagairtean ri Alba deiseil! #gaidhlig #gaelic #reile

  1. Thuirt Thrissel:

    Meal do naidheachd, a bhalaich, agus fortan ort (⁊ sìde mhath) leis na rathaidean-iarainn neo-nàiseanta!

    'S toil

  2. Thuirt Gun urra:

    Eil seo a’ ciallachadh g’eil thu a-nis “fully trained” a thaobh eolas air treanaichean na h-Alba ma-tha…?

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s