Cha cheannarach mi – is dealbhadair mi! #gaidhlig #shoogle

Tha connspaid air èirigh mu na fo-laghan ùra a tha Subway Ghlaschu a’ cur air adhart.

Mar phàirt de na riaghailtean seo, tha SPT – a tha a’ ruith an rathaid-iarainn fho-thalamh – a’ moladh gun rachadh caisg laghail a chur air togail dhealbhan agus gum biodh càin de suas ri £1000 ri phàigheadh airson duine sam bith a thogadh dealbh. 

Chan eil dealbhadairean no daoine aig a bheil ùidh ann an trèanaichean idir toilichte leis na molaidhean seo.

Gu fortanach, tha co-chomhairle a’ dol air adhart air na fo-laghan ùra an-dràsta agus feumaidh Riaghaltas na h-Alba aontachadh riutha mus tèid an cur an gnìomh.

Elvis air an t-Subway

Tha fiosrachadh mun cho-chomhairle ri fhaighinn air-loidhne air làrach-lìn SPT.

Faodar beachdan a chur dhan Riaghaltas suas ri 15 Ògmhios.

Tha mi air sgrìobhadh don BhPA agam agus don cho-chomhairle mar-thà, ag ràdh (1) nach eil mi a’ smaoineachadh gu bheil cunnart sam bith ann bho cheannarcas sa chiad dol a-mach (2) fiù’s nan robh, gum biodh e furasta do cheannarcaich dealbhan a thogail air fònaichean làimhe gun duine sam bith a’ mothachadh (3) gu bheil e a’ cruthachadh sòisealtas far a bheil daoine amharasach mu luchd-togail dhealbhan is rail enthusiasts agus mar sin, nach bu chòir caisg a bhith air togail dhealbhan idir. 

Alasdair

 

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s