Route 66 na h-Alba: Inbhir Air dhan t-Sròn Reamhar #gaidhlig #saylsa #scotrail

Chaidh iomadh co-dhùnadh craicte a dhèanamh ann an eachdraidh còmhdhail na h-Alba: dùnadh loidhne a’ Waverley (Dùn Èideann – Carlisle), dùnadh rathad-iarainn Chill Rìmhinn agus togail an M8 tro chridhe Ghlaschu.

Ach chaidh a’ mhòr-chuid dhiubh a dhèanamh bho chionn 40 bliadhna is còrr. Shaoileadh tu gun biodh sinn air rudeigin ionnsachadh bhon àm a d’fhalbh, ach gu mì-fortanach, chaidh fìor droch cho-dhùnadh eile a chur an gnìomh dìreach beagan mhìosan air ais – sin a bhith a’ gluasad nan aiseag gu Èirinn bhon t-Sròn Reamhar gu Càrn Rìoghain.

Stèisean na Sròn Reamhair

Tha an Sròn Reamhar co-cheangailte ris an lìonra rèile ach chan eil Càrn Rìoghain idir is mar sin, feumaidh daoine turas bus fada a ghabhail bho Inbhir Air dhan phort.

Chan e a-mhàin nach eil seo idir cho goireasach dhan neach-siubhail, tha e cuideachd a’ cur ceist mu choinneimh na loidhne eadar Inbhir Air agus an t-Sròn Reamhar oir is e loidhne fhada, dhùthchail gun mòran stèiseanan no sluagh a th’ innte agus gu ìre mhòr, chan eil adbhar bith aice tuilleadh.

Tha an Riaghaltas ag ràdh ge-tà gu bheil an taic ris an loidhne fhathast agus chaidh buidheann chòimearsnachd a chur air dòigh gus a brosnachadh – SAYLSA. Tha planaichean ann gus an loidhne a dhèanamh tarraingeach do luchd-turais agus fiù ‘s is dòcha a bhith a’ ruith trèanaichean smùid ann, mar a bhios a’ tachairt leis an loidhne eadar an Gearasdan agus Malaig.

Gur math a thèid leotha oir is e fìor dheagh loidhne a th’ ann. A’ tòiseachadh ann an Inbhir Air, tha an trèana a’ sreap suas do na beanntan air trac singilte lùbach le cuid de na seallaidhean as fheàrr a tha rim faicinn air a’ Ghalldachd – coilltean, glinn, mòintich, aibhnichean is eile.

Tha na seallaidhean air an loidhne gu math coltach ris an fheadhainn air Loidhne a’ Chinn a Tuath tro Chataibh agus bu chòir dha a bhith a’ ceart cho ainmeil ris na “tursan rèile mòra an t-saoghail” eile ann an Alba: Loidhne na Gàidhealtachd an Iar, Loidhne a’ Chinn a Tuath agus Loidhne a’ Chaoil. 

Tha mi a’ smaoineachadh gun dèanadh e feum dhan loidhne nam biodh ainm ùr oirre a ghabhadh a chleachdadh airson margaidheachd. Tha “Rathad-iarainn na Gàidhealtachd an Iar” tòrr nas tarrangaiche do luchd-turais na “Loidhne a’ Ghearasdain” mar eisimpleir agus san aon dòigh bhiodh ainm mar “the Southern Uplands Line” no “loidhne a’ Mhonaidh a Deas” gu math freagarrach. 

Tha an loidhne a’ dol tro Maybole agus Inbhir Ghàrbhan air an t-slighe don t-Sròn Reamhar agus chuir sinn nam cuimhne an t-eadar-theangachadh a rinn i air Route 66 – (Faigh do thleachd air an) A77.

(Faigh do thlachd air an) A77

Rolling Stones

Ma tha thu son a dhol gu Siorrachd Air

Nach gabh thu an rathad gu deas as fheàrr

Faigh do thlachd air an A77

A’ sìneadh o Shiorrachd Lannraig gu Gall Ghaidheal’

Is còrr is ceud mìle ann gu lèir

Faigh do thlachd air an A77

Tha e dol tro Inbhir Ghàrbhain, abair thusa àlainn

Tha baile Inbhir Air tor mòr nas fheàrr

‘S tu a chì Cill’ Mhearnaig, Port Pàdraig agus Maybole, Fenwick, Siorrachd Air

na dìochumhnuich mun t-Stròn Reamhar, Gifnag, Preastabhaig is a phort-adhair.

Nach èist thu ri mo chomhairle mhath

Is cur do chasan air an rathad

Is faigh do thlachd air an A77

Tha e dol tro Inbhir Ghàrbhain, abair thusa àlainn

Tha baile Inbhir Air tor mòr nas fheàrr

‘S tu a chì Cill’ Mhearnaig, Port Pàdraig agus Maybole, Fenwick, Siorrachd Air

na dìochumhnuich mun t-Stron Reamhar, Gifnag, Preastabhaig is a phort-adhair.

Nach èist thu ri mo chomhairle mhath

Is cur do chasan air an rathad

Is faigh do thlachd air an A77

Agus seo na Stones ga dhèanamh.

San dol seachad, bha brian Jones nach maireann aig na Stones gu math deidheil air trèanaichean is tramaichean agus bha e na neach-obrach shaor-thoileach aig Taigh-tasgaidh Nàiseanta nan Tramaichean ann an Crich mus do dh’fhàs e ainmeil.

 Saoil cò-ris a bhios an t-Sròn Reamhar coltach? Tha mi air conspiracy theory a chluinntinn iomadh turas gu bheil am baile loma-làn de cheannarcaich Dìlseach à Èireann a tuath a tha am falach bhon phoileas. Tha mi cinnteach nach eil e idir idir fìor ach tha e eagallach gu leòr co-dhiù! Chì sinn mar a thèid leam agus an till mi air ais a Ghlaschu beò!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s