An t-Sròn Reamhar (2) #gaidhlig #gaelic

Uill, thàinig mi air ais às an t-Sròn Reamhar gu slàn sàbhailte agus feumaidh mi ràdh gun do chòrd am baile rium glan.

Bha mi anns a’ bhaile dìreach turas no dhà roimhe agus chan fhaca mi mòran dheth idir oir bha agam ri ruith bhon bhus no bhon trèana gus am bàta fhaighinn gu Èirinn.

An-diugh, le tiocaid tillidh nach do chosg ach £26 air an latha, bha cothrom agam an t-Sròn Reamhar fhèin fhaicinn gu ceart.

‘S e baile beag snog a th’ ann le tòrr bhùithtean beaga a tha le daoine sa choimhearsnachd fhèin

Chaidh mi gu bùth na turasachd agus thuirt an tè laghach aig an deasg na bh’ ann ri dhèanamh sa bhaile, thuirt i “uill, chan eil mòran ann ri dhèanamh san t-Sròn Reamhar idir, feumar aideachadh. Bhiodh e na b’ fheàrr dhut a dhol air a’ bhus gu Port Pàdraig, tha e fada nas fheàrr!” Sin onarach dhut!

Meanbh-rèile Pàirce Agnew, an t-Sròn Reamhar

Chaidh mi air cuairt gu Pàirce Agnew far a bheil meanbh-rathad-iarainn ann. Gu mì-fhortanach, cha robh e fosgailte ach fhuair mi dealbh no dhà den trac agus tha e a’ toirt deagh leisgeul dhomh a dhol air ais latha eile.

Ma tha duine sam bith airson a dhol air deagh latha a-muigh air an trèana, mholainn an t-Sròn Reamhar agus “Loidhne a’ Mhonadih a Deas”.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an meanbh rathaidean-iarainn agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s