Locothan “stuffed”

Chaidh mi air turas air an trèana gu Obar Dheathain bho chionn beagan mhìosan agus fhad’s a tha mi ann, chaidh mi a dh’fhaicinn an t-seann loco-smùid “Mr Therm” a tha anns a’ phàirce cluich ann am Pàirce Seaton.

Mgr Therm, Obar Dheathain

Tha locothan gu leòr ann a tha air an taisbeanadh don phoball air a’ bhlàr a-muigh ann am pàircean is àiteachan eile.

Tha mi air a bhith feuchainn ri gach loco a tha “stuffed” mar seo ann an Alba fhaicinn agus is e Mgr Therm am fear mu dheireadh, cho fad’s is fhiosraich leam.  Tha seata agam air Flickr den fheadhainn a chunnaic mi gu ruige seo. Tha gailearaidh eile agam de na dealbhan a thog daoine eile.

Seo cuid de na h-àiteachan far am faic thu seann loco ann an àite poblach:

–         Pàirce Pittencreif, Dùn Phàrlain, Fìobh

–         Pàirce Dùthchail Polkemmet, Lodainn an Iar

–         Taigh-stàile Obar Pheallaidh, Schd Pheairt

–         Pàirce Seaton, Obar Dheathain

–         Pàirce Loch Odhair, Loch Geallaidh, Fìobh

–         Scottish Industrial Railway Centre, Schd Air

–         Taigh-tasgaidh Summerlee, Coatbridge, Schd Lannraig.

–         Garden of Cosmic Speculation, Dùn Phris

Pàirce Loch Odhar, Loch Gheallaidh, Fìobh

Ma tha loco sam bith eile ann a dhìochuimhnich mi, na bi leisg fios a chur thugam!

Chuala mi fathann gu bheil fear ann an Taigh-tasgaidh na Mèinnearachd ann am Meadhan Lodainn cuideachd ach chan fhaca mi dearbhadh air sin fhathast.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 fhreagairt ri Locothan “stuffed”

  1. Thuirt Thrissel:

    Am feum iad a bhith air a’ bhlàr a-muigh? Oir tha fhios gu bheil feadhainn ann an Taisbeanadh Taobh na h-Aibhne…

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s