Llandudno – Blackpool le soidhnichean dà-chànanach! #gaidhlig #cymru

Bha latha air leth fada agam Disathairne sa chaidh agus mi air turas rèile bho Dhùn Èideann gu Llandudno agus air ais air an aon latha.

Bha mi a’ dol a dh’èirigh aig 5m airson trèana fhaighinn gu Dùn Èideann gus an turas rèile a ghlacadh. Mar a thachair cùisean, chaidh mo dhùsgadh leis an tè bheag agus leis a’ chàt aig 3m agus bha mi cho excited is nach b’ urrainn dhomh cadal tuilleadh!

Às dèidh dhomh trèana 06:00 fhaighinn eadar Glaschu is D.È, ghlac mi an “Chester Champion” aig 7.56 agus rinn sinn air a’ Chuimrigh aig peilear ar beatha.

Chaidh sinn gu Chester agus Llandudno taobh prìomh-loidhne na costa an iar agus bha slighe mhìorbhaileach againn le seallaidhean sgoinneil ann an “Sgìre nan Loch” ann an Sasainn agus ann an taobh-tuath na Cuimrigh.

Bhris fear de na locothan againn sìos ann an Chester (gu h-iomchaidh, b’ e “Diamond Jubilee” an t-ainm a bh’ air!) agus bha ola air feadh an àite ach às dèidh leth uair a thìde bha sinn air ais air an t-slighe a-rithist.

Briste sìos ann an Cair/Chester

Tha loidhne taobh tuath na Cuimrigh gu math inntinneach air dà adhbhar. Sa chiad dol a-mach, tha na seallaidhean de dh’abhainn Dee agus den mhuir dìreach àlainn. Ach tha sealladh nach eil buileach cho math eadar Y Rhyl agus Prestatyn (far a bheil Mike Peters aig an Alarm/Big Country a’ fuireach). Tha na mìltean de chàrabhanan ann – cho fad’s a chì a t-sùil. Cha robh fhios agam gun robh an uiread de chàrabhanan san t-saoghal gun luaidh air a’ Chuimrigh!

Chunnaic mi meanbh-rèile ainmeil Rhyl bhon trèana cuideachd ach cha robh cothrom againn a stad ann – sin turas airson latha eile.

Ràinig sinn Llandudno mu dheireadh aig 2f. Cha robh ach mu dhà uair a thìde againn ann an Llandudno anns a’ bhaile aig a’ cheann thall mar thoradh air an dail ach ‘s e dà uair a thìde fìor mhath a bh’ annta!

Airson duine sam bith nach robh riamh an Llandudno, tha e coltach ri Blackpool le soidhnichean dà-chànanach. Agus eu-choltach ri Blackpool, baile ann an Lancashire a tha loma-làn muinntir Ghlaschu, seo baile sa Chuimrigh a tha loma-làn muinntir Lancashire. Neònach!

Cha b’ e ruith ach leam dhomh a dhol gu Tramffordd y Gogarth – the Great Orme Tramway – an t-slighe-trama suas don bheinn os cionn a’ bhaile. Chaidh a togail ann an 1902 agus tha i mu mhìle a dh’fhaide uile gu lèir.

Is e seo an aon shiostam trama càbaill san RA agus chan fhaic thu a leithid ann an àite sam bith eile. 

Tha dà phàirt aig an rathad-iarainn air leth seo – tha a’ chiad loidhne eadar meadhan a’ bhaile agus stèisean Letheach-slighe. Bidh an trama a’ ruith air an t-sràid an seo. Tha e gu math gu math cas – suas ri 1/4 an àiteachan. Tha seallaidhean sgoinneil rim faicinn den bhaile agus den tràigh fhad’s a tha an trama a’ dìreadh na beinne.

Aig Letheach Slighe, gheibh thu trama eile gu mullach na beinne. Tha an dàrna pàirt den loidhne a’ ruith air trac fa leth a tha air falbh bhon rathad anns a’ phàirc agus tha sealladh do-chreidsinneach ann.

Chòrd an turas rium cho mòr is gu bheil mi airson a dhol air ais dhan Chuimrigh ann an ùine nach bi fada. Tha mi a-nis a’ beachdachadh air saor-làithean a ghabhail anns a’ Chuimrigh an ath bhliadhna – Tramfordd y Gogarth, Rheilffordd fach y Rhyl,  Rheilffordd yr Wyddfa 7c 7c! 

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, tramaichean agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s