Bho na Crìochan gu Northumbria air chois – càite bheil na trèanaichean? #gaidhlig

Choisich mi fhèin is mo bhean Jenny Slighe Naomh Chuithbeirt (St Cuthberts Way) anns na Crìochan agus ann an Northumbria an t-seachdain sa chaidh. ‘S e slighe coiseachd 65 mìle a dh’fhaide a tha seo a tha a’ tòiseachadh ann am Maolros agus a’ crìochnachadh ann an Holy Island ann an Northumberland.

Holy Isle, Northumberland, Sasainn

 

Tha an t-ainm Slighe Chuithbeirt oirre a chionn ‘s gu bheil na h-àiteachan air an t-slighe co-cheangailte ris an naomh, a chuir seachad a bheatha ann an Abaid Mhaolros, Abaid Lindisfarne agus iomadh àite eile eatarra.

Tha tòrr rudan air atharrachadh bho chaochail Cuithbeart ann an 687 agus nan tigeadh e air ais an-diugh, chan aithneachadh e mòran de na rudan a chitheadh e. Tha rud no dhà nach eil air atharrachadh mòran, ge-tà, nam measg siostam na còmhdhail.

Airson a dhol gu Maolros airson tòiseach na slighe, fhuair sin am bus à Dùn Èideann. Mhair an turas còrr is dà uair a thìde. Ro 1969, b’ urrainn dhuinn an trèana fhaighinn air Slighe a’ Waverley ann an uair a thìde.

Seann Stèisean Mhaolros

Mas e is gun robh Cuithbeart còir airson siubhal eadar Maolros agus Holy Island air ais aig tòiseach nan 1960an, b’ urrainn dha a bhith air trèana a ghabhail mar seo:

Maolros – Cill Bhoiseil – Kelso – Bearaig – Beal (ForHoly Island).

Nae bother! Anns an latha a th’ ann an-diugh, ge-tà, bhiodh e na b’ fhasa is na bu luaithe a bhith a’ dol ann air chois no air muin asail na bhith a’ cleachdadh còmhdhail phoblaich.

Agus nam biodh e airson a dhol gu dà àite eile a tha air/faisg air Slighe Naomh Chuithbeirt – Jedburgh agus Wooler, ghabhadh sin a dhèanamh cuideachd, gun luaidh air iomadh baile eile anns na Crìochan – Gala, Hawick, Selkirk, na Pùballan is eile far an robh seirbheisean rèile.

Chaidh sgrios a dhèanamh air siostam rèile nan Crìochan agus Northumberland leis na Riaghaltasan Tòraidheach is Làbarach anns na 1960an agus is math gu bheil Slighe a’ Waverley gu bhith ag ath-fhosgladh gu Gala is Tweedbank ann an ùine nach bi fada. Ach chan eil seo a’ dol fada gu leòr agus aig a char as lugha, bu chòir slighe a’ Waverley air fad ath-fhosgladh – Gala-Tweedbank-Maolros-Hawick-Carlisle.

Ann an Northumbria cuideachd, bhiodh e sgoinneil nam b’ urrainnear stèisean Beal (for Holy Island) air prìomh-loidhne a’ chosta an iar ath-fhosgladh cuideachd.

Làrach Stèisean Beal, Northumberland. ‘S math gu bheil seann loco ann ach bhiodh e na b’ fheàrr nan robh stèisean ùr ann!

Tha beagan adhartais a’ dol a thaobh rathaidean-iarainn glèidhte aig deas ge-tà oir tha an Waverley Route Heritage Association air pàirt de Shlighe a’ Waverley ath-fhosgladh aig Whitrope, deas air Hawick. Ann an Sasainn cuideachd, tha a’ chiad phàirt den rathad-iarainn eadar Alnmouth agus Alnwick ann an Northumberland ag ath-fhosgladh leis an Aln Valley Railway am-bliadhna.

Bha fìor dheagh làithean saora againn co-dhiù agus chòrd an t-slighe ruinn gu mòr.

Jenny air Slighe nan Taistealach – frith-rathad tron ghainmhich gu Holy Island

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte, Rathaidean-iarainn glèidhte agus a thagadh , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 fhreagairt ri Bho na Crìochan gu Northumbria air chois – càite bheil na trèanaichean? #gaidhlig

  1. Thuirt Gun urra:

    An seachdainn seo chaidh rinn mise sgrìobh air an t-slighe Phennine eadar Kirk Yetholm agus Greenhead shios gu deas🙂 Bidh fhios agad gu bheil Kirk Yetholm na laighe air an t-slighe Chuthbert. Co-dhiù, abair thusa gu robh cuisean bog bog fluich ach feumaidh mi radh chunnaic mi seann staisean den leithid Moal Ros ann an Bellingham (Bellinjum sa bheulra Northumberland). A-nis bha da carabaidean reile ann, ‘s e taigh bidh a th’ann a-nis.

    Dh’fhalbh mi Greenhead madainn Dihaoine air a’ bhus gu Hexam agus treana gu Newcastle. Cothrom dhom an uair sin choisich air an t-seann drochaidh iarainn agus an drochaid ainmeil eile mus d’thug mi meagabus gu tuath.

    'S toil

    • Sgoinneil a charaid! Cha robh mi anns an t-seann stèisean ann am Bellingham fhathast ach feumaidh mi a dhol ann latha de na làithean. Tha seòrsa taigh-tasgaidh ann cuideachd, tha mi a’ smaoineachadh. Bha loidhne ann eadar Kelso agus Hexham taobh Bellingham uair tha mi a’ smaoineachadh.

      'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s