Tràilidhean a’ tilleadh! #gaidhlig #trolleybuses

Tha busaichean-tràilidh (trolleybuses) gu bhith a’ tilleadh gu Sasainn às dèidh 40 bliadhna. 

Dh’fhoillsich Riaghaltas na RA an t-seachdain sa chaidh gun toir iad airgead seachad gus lìonra busaichean-tràilidh ùr a thogail ann  an Leeds.

‘S e a th’ ann am bus-tràilidh ach “trama gun trac” – bus dealanach a ruitheas air rathaidean àbhaisteach agus a chleachdas uèirichean os a chionn gus an dealan a thogail.

Bus-tràilidh Moscow

Bha tòrr mòr siostaman bus-tràilidh san RA uair. Bha an siostam as motha ann an Lunnainn ach bha lìonran mòra ann an Derby, Nottingham, an Caisteal Nuadh, Manchester, Beal Feairste, Caerdydd, Glaschu agus iomadh baile eile cuideachd.

Bus-tràlidh Bheal Feirste

Dhùin an siostam mu dheireadh,Bradford, ann an 1972. Thathar an dòchas gum fosgail lìonra ùr Leeds ann an 2018.

Dhùin an t-aon lìonra bus-tràilidh ann an Alba – Glaschu ann an 1967. An dòchas gum faic sinn iad air ais air sràidean Ghlaschu latha de na làithean cuideachd.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an busaichean-tràilidh. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s