Beinn Nibheis a’ rocadh #gaidhlig #thealarm #bigcountryuk

Tha mi gu bhith a’ dèanamh an turais rèile as ainmeile ann an Alba san Lùnastal – Glaschu-an Gearsdan-Malaig.

Carson? Tha mi gu bhith a’ dol gus consairt roc beò gu math sònraichte air mullach na beinne as àirde san dùthaich – Beinn Nibheis. Tha Mike Peters aig an Alarm agus Big Country gu bhith a’ sreap nan beinne còmhla ri 200 duine eile gus airgead a thogail airson an Love, Hope and Strength Foundation, buidheann a stèidhich e fhèin airson cur an aghaidh aillse. Bidh sinn an uair sin a’ rocadh a-mach aig mullach na beinne.

Seo an duilleag agam air JustGiving air eagal’s gu bheil duine sam bith airson taic a chumail rium.

Malaig

Ged nach eil mi a’ dol ach dhan Ghearasdan, tha mi gu bhith a’ dol gu Malaig agus air ais co-dhiù airson spòrs!

Nis, ma tha duine sam bith a’ fuireach sa Ghearasdan, tha ceist bheag agam dhuibh – dè a th’ ann ri dhèanamh sa bhaile eadar meadhan oidhche is trì sa mhadainn??

Bidh consairt eile ann le Mike Peters is Bruce is Jamie Watson aig Big Country air an oidhche Haoine aig Caisteal Inbhir Lochaidh agus bidh sin a’ dol gu 11:30 no mar sin. An uair sin,tha ar turas gu Beinn Nibheis gu bhith a’ tòiseachadh aig 5. Mar sin, deagh sheans nach bi mi air ais sa bhaile gu meadhan oidhche is gum bi agam ri tòiseachadh air an t-slighe gu Beinn Nibheis aig 3.30m no mar sin. An fheuch e cadal?? Eil beachd aig duine sam bith dè bu chòir dhomh dèanamh?

Bidh mi ag aithris air a’ chonsairt ann an duilleag Ghàidhlig an Albannaich, Disathairne 1 Sultain.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s