Chaidh mi air safari-rèile gu Meadhan Lodainn bho chionn dà sheachdain còmhla ri mo nighean Ciorstaidh agus mo chàirdean gaisgeil Wilson agus Manus MacLeòid.
Chan eil mòran ri fhaicinn san sgìre an-dràsda a thaobh nan rathaidean-iarainn “mòra” ach atharrachaidh sin taobh a-staigh bliadhna no dhà le ath-fhosgladh Loidhne a’ Waverley eadar Dùn Èideann agus Gala a bheir seirbheis rèile air ais gu grunn bhailtean ann am Meadhan Lodainn a’ gabhail a-steach Gorebridge, Baile Ùr na Grèinnse agus Eskbank.
Tha rud beag no dhà a tha inntinneach san sgìre aig an ìre seo, ge-tà. An tòiseach, tha Taigh-tasgaidh na Mèinnearachd. Tha tòrr ann mu eachdraidh is eachdraidh shòisealta a’ ghnìomhachais agus gu leòr uidheamachd ri faicinn cuideachd. A bharrachd air sin, tha loco smùid ann agus carbadan.

Taigh-tasgaidh na Mèinneireachd
Tha meanbh-rèile sgoinneil ann am Pàirce Vogrie cuideachd – dà dheagh adhbhar airson a bhith a’ dol dhan sgìre fiù’s mus till an rathad-iarainn.
Alasdair