Spòrs ann an Siorrachd York (1) – Còmhdhail Cheangailte an Scarborough #gaidhlig

Bha sinn air saor-làithean ann an taobh tuath Siorrachd York an t-seachdain sa chaidh. Ged a bha mi ann an York fhèin iomadh turas agus ann an Harrogate, chan fhaca mi mòran a bharrachd den sgìre agus  bha sinn uile a’ faireachdainn gun robh an t-àm ann sin a chur ceart.

Ged nach deach mi ann a dh’aona-ghnothach airson spòrs trèanach, bha cothroman gu leòr ann – cuid ris nach robh mi an dùil idir!

Air an t-slighe dhan t-siorrachd “as motha agus as fheàrr” ann an Sasainn, chaidh sinn seachad air Rathad-iarainn Eden Valley , air an A66 agus an uair sin air an A1, chunnaic sin Rathad-iarainn Wensleydale aig Leeming. Ged nach d’ fhuair sin cothrom a dhol air fear seach fear aca, b’ e deagh thoiseach tòiseachaidh a bh’ ann do na saor-làithean.

Bha sinn a’ fuireach ann an Kirbymoorside, baile beag a bha air siostam na rèile gus an deach an loidhne a dhùnadh leis an Dr Olc Beeching (tuiteam gun èirigh air agus leac air a bheul). Gu fortanach, ge-tà, tha bailtean eile gu math faisg a tha fhathast co-cheangailte ris an lìonra-rèile nàiseanta – Thirsk agus Malton, agus tha Pickering air Rathad-iarainn nan North Yorkshire Moors aig a bheil ceangail ris an lìonra-nàiseanta.

Aon latha, chaidh sinn air turas gu Scarborough anns a’ chàr. Bha Park & Ride ann taobh a-muigh a’ bhaile agus chaidh sinn a-staigh dhan bhaile mar sin

Airson a dhol bhon tràigh a-steach dhan bhaile, tha funicular sgoinneil ann – Scarborough Central Tram a dh’fhosgail ann an 1881.

Anns a’ bhaile fhèin, tha busaichean fosgailte ann a tha saor, luath agus cunbhalach eadar an dà thràigh ann an Scarborough  – am bàgh a tuath agus am bàgh a deas.

Aig ceann a tuath a’ bhaile, tha rathad-iarainn a’ Bhàigh a Tuath, North Bay Railway, a tha na mheanbh-rèile eadar am baile agus an Sea Life Centre. Dh’fhosgail seo còrr is 80 bliadhna air ais agus is e fear de na meanbh-rathaidean-iarainn as sine ann an Sasainn a th’ ann. Tha e dìreach goirid air mìle a dh’fhaide is e a’ toirt dhut deagh sheallaidhean den bhaile agus den Chuan a Tuath. 

Cò ris a tha am baile fhèin coltach? Ann an aon fhacal: Blackpool! Tòrr bhùithtean èisg is slisneagan, tòrr tat is mar sin air adhart ach chòrd e rium glan.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an meanbh rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s