Spòrs ann an Siorrachd York (2) – Am fear mòr – Rathad-iarainn North Yorkshire Moors #gaidhlig #NYMR

Tha rathaidean-iarainn glèidhte ann agus tha rathaidean-iarainn glèidhte ann.

Gu tric le rathaidean-iarainn mar seo, tha an loidhne a’ tòiseachadh ann am meadhan achaidh 10 mìle air falbh bho àite sam bith agus a’ crìochnachadh 11.5 mìle air falbh bho àite sam bith ann an meadhan achaidh eile.

Chan ann mar sin idir a tha Rathad-iarainn North Yorkshire Moors (NYMR). Tha an loidhne fada – mu 20 mìle uile gu lèir, tha e ann an àite far a bheil daoine ag iarraidh a dhol (Pàirce Nàiseanta nan North Yorkshire Moors) agus tha ceangail ann ris an lìonra nàiseanta.

Clas 24, NYMR

Tha an loidhne seo a’ ceangail Pickering ri Grosmont (‘gro-mont’) agus tha ceangal ann ri seirbheisean nàiseanta air an loidhne eadar Middlesborough agus Whitby (Loidhne Esk Valley) ann an Grosmont.

Nas fhèarr nas sin, bidh an NYMR fhèin a’ ruith seirbheisean air an lìonra nàiseanta eadar ceann loidhne an NYMR ann an Grosmont gu Whitby. Mar sin, faodaidh daoine a’ dol bho Pickering gu Whitby gun a bhith ag atharrachadh trèana. Is e deagh ghoireas do luchd-turais a tha seo.

Is e an NYMR fear de na loidhnichean glèidhte as sine, as fhaide agus as soirbheachaile ann an Sasainn. Bidh barrachd dhaoine a’ cleachdadh na loidhne seo agus bidh e a’ togail tòrr a bharrachd airgid na iomadh loidhne dhùthchail a tha fhathast mar phàirt den lìonra nàiseanta.

Tha an loidhne a’ ruith tron phàirce nàiseanta agus tha seallaidhean brèagha rim faicinn – fèidh is fraoch is monaidhean.

Tha an loidhne seo proifeiseanta, mòr agus brèagha agus bu chòir gach duine aig a bheil ùidh ann an rathaidean-iarainn a dhol air co-dhiù aon turas nam beatha.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, Rathaidean-iarainn glèidhte agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 fhreagairt ri Spòrs ann an Siorrachd York (2) – Am fear mòr – Rathad-iarainn North Yorkshire Moors #gaidhlig #NYMR

  1. Pingback: 2012 an Dàmhair: Rathad-iarainn North Yorkshire Moors /Oct. NYMR Railway - seaboardgàidhlig

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s