Spòrs ann an Siorrachd York (3) – Trèana Lus na Tùise #gaidhlig

Mar as trice, chan eil ach aon adhbhar ann airson meanbh-rathaidean-iarainn: spòrs!

Ach tha rathad-iarainn no dhà ann a tha a’ dèanamh rudan feumail. Tha beagan ann a tha a’ toirt seachad seirbheis còmhdhail phoblach mar an Ravenglass and Eskdale ann an Cumbria.

Agus tha loidhne no dhà ann a tha gan cleachdadh airson bathair.

Chunnaic mi tè dhiubh sin ann an Siorrachd York bho chionn goirid: Rathad-iarainn Wolds Way Lavender faisg air Malton.

Rathad-iarainn Wolds Way Lavender

Tha an rathad-iarainn ga chleachdadh gus lus na tùise a thoirt a-steach dhan taigh-staile far am bi iad a’ dèanamh ola lus na tùise airson a dhol ann an siabann, siampù agus mar sin air adhart.

A bharrachd air an obair chruaidh seo, tha an trèana a’ toirt seachad tursan do luchd-turais. Is e tuathanas sgoinneil a tha seo le flùraichean gu leòr, obraichean ealain, lochan, eòin gu leòr, craobhan, dealain-dè agus gu leòr lus na tùise!

Tha trèana diesel bheag phurpaidh ann agus thathar a’ togail loco smùid cuideachd. ‘S e deagh àite a tha seo agus mholainn gu mòr e.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an meanbh rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s